Skip to main content
 

Sgilean dualchas agus gnàth-shìde

"'S e àrainneachd ar n-eachdraidh aon de na maoinean as luachmhoire a th’ againn. Tha i a’ cur ri ar n‑eaconamaidh, ri ar n‑aithne chultarail agus ri ar faireachdainn de dh'àite. Gun ise, cha bhiodh Alba mar a tha i an-diugh.

Tha barrachd air 60,000 obraichean – 2.5% de dh’iomlan luchd-obrach na h-Alba – air taic fhaighinn leis an àrainneachd eachdraidheil againn. Tha i a’ cur £2.3 billean ris an Gross Value Added (GVA) naiseanta. Tha turasachd cudromach, gu dearbh, ach tha obraichean, cothroman-obrach agus gnìomhachasan fon cùram aca cuideachd." - Àrainneachd Eachdraidheil na h-Alba.

Tha an sgioba Ar Dualchas, Ar n-Àm ri Teachd a’ tuigsinn cho cudromach ’s a tha dualchas na h‑Alba agus cho riatanach ’s a tha e taic a thoirt do bhuidhnean coimhearsnachd gus an dualchas ionadail aca a rannsachadh, a chlàradh agus a dhìon.

’S urrainn dhuinn ag obair còmhla ri ur buidheann coimhearsnachd gus grunn sgilean dualchais is gnàth-shìde a leasachadh. Chan fheum fòcas dualchais a bhith aig ur buidheann mu thràth gus pàirt a ghabhail. 

Gheibh luchd-ionnsachaidh teisteanas airson gach aonad a choileanas iad, agus faodaidh iad obrachadh a dh’ionnsaigh làn-theisteanais gus Teisteanas ann an Dualchas Cultarach a chosnadh. Tha an teisteanas seo ag amas air tuigse a thoirt do dhaoine air roinn an dualchais ann an Alba agus air sgilean sònraichte ceangailte ri dualchas a leasachadh.

Tha na h-aonadan air an dearbhadh le Qualifications Scotland aig ìre 5/6 de Fhrèam Creideasan is Theisteanasan na h-Alba (SCQF). Tha iad fosgailte do dhuine sam bith a tha 16 bliadhna no nas sine, agus chan eil eòlas sam bith ro-làimh riatanach.

Uile ri fhaighinn tro mheadhan na Gàidhlig:

Teisteanas ann an Dualchas Cultarach

Tha sinn air leabhran fiosrachaidh a chruthachadh airson buidhnean coimhearsnachd gus tuilleadh ionnsachadh mun Teisteanas ann an Dualchas Cultarach agus mu na h-aonadan fa leth a tha na lùib.

 

Luchdaich a-nuas (Beurla)

Cuir fios thugainn aig communities@keepscotlandbeautiful.org no ri ar n-Oifigear Gàidhlig an seo: Jonathan.angell@keepscotlandbeautiful.org agus bidh sinn ann an conaltradh riut gus cothroman trèanaidh airson na buidhne agaibh a dheasbad.

'S e seirbheis gu tur AN-ASGAIDH agus SA GHÀIDHLIG a tha seo, air a dèanamh comasach le taic bho Àrainneachd Eachdraidheil Alba agus The National Lottery Heritage Fund, le taing do chluicheadairean a’ Chrannchuir Nàiseanta.

Tha sinn a’ tabhann raon de sheirbheisean dualchais a dh’fhaodas a bhith nam pàirt dhen Community Heritage Climate Action Plan agus a chuidicheas sibh gus coimhearsnachd nas fharsainge a thoirt an sàs. Gheibhear an liosta iomlan de na seirbheisean dualchais againn air duilleag-lìn Ar Dualchas, Ar n-Àm ri Teachd

Naidheachdan

A’ Brosnachadh Gnìomhachd Àrainneachdail is Dualchais leis an Teisteanas Ùr ann an Dualchas Cultarach

Tha sinn air Teisteanas ùr ann an Dualchas Cultarach a chur air bhog, le creideas bho Qualifications Scotland, mar phàirt den phrògram Ar Dualchas, Ar n-Àm ri Teachd.

Barrachd fiosrachaidh (Beurla)

Keep updated

We support the