Skip to main content
 

Ullachadh airson obair-thoileachais dualchais

Tha an t-aonad seo air a dhealbhadh gus luchd-ionnsachaidh ullachadh airson pàirt a ghabhail ann an obair shaor-thoileach. Nì luchd-ionnsachaidh rannsachadh mus tòisich iad air a’ ghnìomhachd gus faighinn a-mach dè as urrainn dhaibh a bhith an dùil bho shaor-thoileachadh agus dè na dreuchdan is dleastanasan àbhaisteach a tha aig saor-thoileach.

An uair sin, gabhaidh iad pàirt ann an gnìomhachd shaor-thoileach, nì iad measadh cunnairt agus measaidh iad mar a chaidh dhaibh. Aig deireadh an aonaid, lorgaidh luchd-ionnsachaidh cothroman airson sgilean ùra a leasachadh agus airson tuilleadh obair shaor-thoileach a dhèanamh san àm ri teachd.

Tha buill de Clackmannanshire Economic Regeneration Trust ann an Allmhagh air an t-aonad Ullachadh airson Obair-thoileachais Dualchais a choileanadh agus chuir iad crìoch air an trèanadh le seisean saor-thoileach aig The Japanese Garden at Cowden.

Tha Ullachadh airson obair-thoileachais dualchais aon de na h-aonadan as urrainn do thagraichean a choileanadh gus Teisteanas ùr ann an Dualchas Cultarach fhaighinn, le creideas bho Qualifications Scotland, mar phàirt den phrògram Ar Dualchas, ar n-Àm ri Teachd. 'S e amas na teisteanais taic a thoirt do dhaoine gus tuigse fhaighinn air cho cudromach sa tha ar dualchas togte, nàdarra agus cultarach ann an Alba, sgilean sònraichte ceangailte ri dualchas a leasachadh, agus soirbheachas gach tagraiche a chomharrachadh.

Tadhail air an duilleag Sgilean Dualchais agus Gnàth-shìde againn gus barrachd fhaighinn a-mach.

Keep updated

We support the