Skip to main content
 

Clàradh na h-àrainneachd dualchais

Tha an t-aonad seo a’ dol thairis air a bhith a' rannsachadh agus a' clàradh dualchais. Faodaidh seo gabhail a-steach dualchas nàdarra, togte agus cultarach. Faodaidh luchd-ionnsachaidh raon de dhòighean a chleachdadh leithid tomhas, a' togail dhealbhan, catalogadh agus mapadh. Gheibh iad tuigse air cho cudromach sa tha e a bhith a' cumail chlàran gus dualchas a ghlèidheadh agus a thuigsinn.

Tha Clàradh na h-àrainneachd dualchais aon de na h-aonadan as urrainn do thagraichean a choileanadh gus Teisteanas ùr ann an Dualchas Cultarach fhaighinn, le creideas bho Qualifications Scotland, mar phàirt den phrògram Ar Dualchas, ar n-Àm ri Teachd. 'S e amas na teisteanais taic a thoirt do dhaoine gus tuigse fhaighinn air cho cudromach sa tha ar dualchas togte, nàdarra agus cultarach ann an Alba, sgilean sònraichte ceangailte ri dualchas a leasachadh, agus soirbheachas gach tagraiche a chomharrachadh.

Tadhail air an duilleag Sgilean Dualchais agus Gnàth-shìde againn gus barrachd fhaighinn a-mach.

Keep updated

We support the