Cùram do dhualchas
Tha an t-aonad seo air a dhealbhadh gus luchd-ionnsachaidh ullachadh airson measadh a dhèanamh air staid àite no nì dualchais, agus an uair sin am pìos dualchais a dhìon, a dhealbhadh agus a chur an gnìomh ann an dòigh shàbhailte agus taobh a-staigh na comasan aca fhèin.
Tha Cùram do dhualchas aon de na h-aonadan as urrainn do thagraichean a choileanadh gus Teisteanas ùr ann an Dualchas Cultarach fhaighinn, le creideas bho Qualifications Scotland, mar phàirt den phrògram Ar Dualchas, ar n-Àm ri Teachd. 'S e amas na teisteanais taic a thoirt do dhaoine gus tuigse fhaighinn air cho cudromach sa tha ar dualchas togte, nàdarra agus cultarach ann an Alba, sgilean sònraichte ceangailte ri dualchas a leasachadh, agus soirbheachas gach tagraiche a chomharrachadh.
Tadhail air an duilleag Sgilean Dualchais agus Gnàth-shìde againn gus barrachd fhaighinn a-mach.
We support the