Skip to main content
 

Glanadh an Earraich Alba 2027

Glanadh an Earraich Alba 2027

Leasan beò eadar-ghnìomhach le goireasan, a bhrosnaicheas thusa agus do sgoilearan gus pàirt a ghabhail san iomairt bhliadhnail againn, Glanadh an Earraich ann an Alba! Gabh pàirt nar sabaid an-aghaidh sgudail!

Am bliadhna tha sinn a’ tòiseachadh air an dùbhlan sgudail aig toiseach a’ Mhàirt gus tòrr ùine a thoirt dhuibh ar cuideachadh le bhith a' cruinneachadh sgudal as urrainn dhuibh a’ cur ri Citizen Science. 

Tha a h-uile leasan ceangailte ris a’ churaicealam le goireasan gus an ionnsachadh a thoirt air adhart.

Tha am prògram Leasan Beò againn air a mhaoineachadh le Riaghaltas na h-Alba.

Leis gu bheil na Leasanan Beò againn air an clàradh agus air an sgaoileadh air-loidhne, bidh camarathan agus microfònan air an cur à comas do chom-pàirtichean. Air sgàth seo, tha e riatanach gum bi tidsearan an làthair san t-seòmar-sgoile gus taic a thoirt don leasan agus gus dèanamh cinnteach gu bheil sgoilearan comasach air pàirt a ghabhail anns na gnìomhan.

Tha na leasanan againn a’ toirt taic do Churraicealaim, Àrainn na Sgoile, Coimhearsnachd agus Cultar den Target 2030 Learning for Sustainability Action Plan, a bharrachd air Global Citizenship agus Meta Skills.

Bidh Amasan Leasachaidh a tha Seasmhach agus Còraichean Chloinne air an gabhail a-steach sna leasanan seo:

Clàr-ama agus clàradh

Seo na h-amannan airson nan leasanan:

Cur air bhog Dùbhlan Glanadh an Earraich: 11.00m-11.15m Diluain 1 Màrt

P4-S2 Leasan sa Ghàidhlig: 1.30-2.10f Diluain 8 Màrt

Cruinneachadh de gach aois sa Bheurla le eadar-theangachadh Gàidhlig: 11.00-11.30m Diluain 22 Màrt

Thèid gach leasan a chlàradh, agus thèid na clàraidhean a chur suas gach latha gus am bi cothrom agad coimhead orra mur robh cothrom agad a bhith an làthair aig an t-seisean beò.

Clàraich airson Leasan Beò sa Ghàidhlig: Glanadh an Earraich / Register for Spring Clean Live Lesson in Gaelic


Farpais na seachdaine: tog sgudal còmhla

Am bliadhna tha sinn a’ toirt cuireadh do sgoiltean agus sgoiltean-àraich bho air feadh na dùthcha gus an urrainn iad ag obair còmhla gus glanadh an earraich a dhèanamh. Cuir air dòigh uiread de chruinneachaidhean sgudail as urrainn dhuibh eadar 1 agus 22 Màrt. Cuir a-steach dè an ìre de sgudal a chruinnicheas tu gus cur ri Citizen Science. Bidh sinn ag aithneachadh na sgoiltean is na sgoiltean-àraich uile a chuireas a-steach an dàta sgudail aca aig Cruinneachadh Glanadh an Earraich air 22 Màrt agus gheibh iad goireas an-asgaidh gus bràiste-làimhe ‘Chuidich mi le Glanadh an Earraich’ a dhèanamh.

Thèid an dùbhlan a chur air bhog air Diluain 1 Màrt.

Is ann dìreach le bhith ag obair còmhla as urrainn dhuinn a’ bhuaidh as motha a thoirt gu buil!

Leasanan Beò agus Èiceo-sgoiltean

Na dìochuimhnich gum faodar pàirt a ghabhail ann an gin de na Leasanan Beò againn agus na gnìomhan ceangailte riutha a chunntadh a dh’ionnsaigh Duais Bratach Uaine bho Èiceo-sgoiltean Alba.

Leasanan den aon choltas

Seachdain Glanadh an Earraich 2026

Leasan Gàidhlig mu sgudal, air a chur air dòigh aig an aon àm ris an Iomairt Glanadh an Earraich.

Gaelic lesson on litter and waste timed with our Spring Clean campaign.

Coimhead a-rithist (Watch again)
Seachdain Glanadh an Earraich 2025

Leasan Gàidhlig mu sgudal, air a chur air dòigh aig an aon àm ris an Iomairt Glanadh an Earraich.

Gaelic lesson on litter and waste timed with our Spring Clean campaign.

Coimhead a-rithist (Watch again)
RSPB Birdwatch sa Ghàidhlig

Thig còmhla rinn airson leasan inntinneach sa Ghàidhlig a sheallas an obair a bhios an RSPB a’ dèanamh, agus mar a dh’aithnicheas sibh eòin gus an urrainn dhuibh pàirt a ghabhail ann am Big Birdwatch.

Join us for an exciting lesson in Gaelic exploring the work of the RSPB, and how to identify birds so you can take part in the Big Birdwatch.

Coimhead a-rithist (Watch again)

Keep updated

We support the