Èiceo-Sgoiltean
Fàilte gu Èiceo-Sgoiltean ann an Alba
Am prògram airson na sgoile air fad a tha air a stiùireadh le sgoilearan
Dè th’ ann an Èiceo-Sgoiltean?
‘S e Èiceo-Sgoiltean am prògram seasmhachd as motha san t-saoghal airson sgoiltean le 19.5 millean clann, daoine òga agus luchd-foghlaim an sàs ann an 74 dùthchannan eadar-dhealaichte.
Tha Èiceo-Sgoiltean aon de chòig prògraman a tha air an ruith gu h-eadar-nàiseanta leis am Foundation for Environmental Education. Tha e air an lìbhrigeadh le Keep Scotland Beautiful a tha stèidhichte ann an Alba.
Ma chuireas thu crìoch air iarrtas bratach uaine tha e air aithneachadh le Duais Bratach Uaine, a sheallas cho dealasach sa tha an sgoil agaibh ann an ag ionnsachadh airson seasmhachd. ‘S e teisteanas a th’ ann a tha aithnichte gu h-eadar-nàiseanta airson sàr-mhathais ann am foghlam seasmhach.
Tha sinn taingeil airson an taic bho Riaghaltas na h-Alba gus an urrainn dhuinn Èiceo-Sgoiltean a lìbhrigeadh anns na h-Alba.
Tha fianais airson Èiceo-Sgoiltean a-nis air a chuir a-steach gu tur air-loidhne nar portal. Ma tha thu air d’ fhiosrachadh logaidh a-steach a chall cuir fios thugainn.
Dè th’ ann an Èiceo-Sgoiltean
Ro-ràdh dhan phrògram Èiceo-Sgoiltean againn airson sgoilearan agus luchd-foghlaim.
Gheibhear liosta-cluiche slàn de bhideothan stiùiridh mu Èiceo-Sgoiltean air an t-sianal YouTube againn.

Tha am Padlet againn a’ sealtainn geàrr-chunntas de na tha ri thighinn air na prògraman eadar-dhealaichte againn.
Gheibh thu a-mach mu leasanan beò, trèanadh do sgoilearan agus luchd-foghlaim, agus cothroman inntinneach eile a tha ri thighinn.
Tha Keep Scotland Beautiful na bhall den bhuidheann leis an ainm Foundation for Environmental Education (FEE) a bhitheas a’ lìbhrigeadh phrògraman Èiceo-sgoiltean, LEAF agus Luchd-aithris Òga airson na h-Àrainneachd ann an Alba.
Stèidhich FEE ann an 1981, tha FEE na bhuidheann neo-riaghaltais, neo-phrothaid ag adhartachadh leasachadh seasmhach tro fhoghlam àrainneachd. Is e misneach FEE daoine a thoirt còmhla agus a bhrosnachadh tro fhoghlam ann an com-pàirteachas le ballrachdan agus com-pàirtichean air feadh an t-saoghail.
We support the