Skip to main content
 

Seachdain Nàdar na h-Alba 2027

Seachdain Nàdar na h-Alba 2027

Thig còmhla rinn gus ionnsachadh mu ar saoghal nàdarra iongantach agus gnìomh a dhèanamh gus aire a thoirt dha.

Tha a h-uile leasan ceangailte ris a’ churaicealam le goireasan gus an ionnsachadh a thoirt air adhart.

Tha am prògram Leasan Beò againn air a mhaoineachadh le Riaghaltas na h-Alba.

Leis gu bheil na Leasanan Beò againn air an clàradh agus air an sgaoileadh air-loidhne, bidh camarathan agus microfònan air an cur à comas do chom-pàirtichean. Air sgàth seo, tha e riatanach gum bi tidsearan an làthair san t-seòmar-sgoile gus taic a thoirt don leasan agus gus dèanamh cinnteach gu bheil sgoilearan comasach air pàirt a ghabhail anns na gnìomhan.

Tha na leasanan againn a’ toirt taic do Churraicealaim, Àrainn na Sgoile, Coimhearsnachd agus Cultar den Target 2030 Learning for Sustainability Action Plan, a bharrachd air Global Citizenship agus Meta Skills.

Bidh Amasan Leasachaidh a tha Seasmhach agus Còraichean Chloinne air an gabhail a-steach sna leasanan seo:

Clàr-ama agus clàradh

Seo na h-amannan airson nan leasanan:

P4-S2 Leasan sa Ghàidhlig: 1.30-2.10f Diluain 10 Cèitean

Cruinneachadh de gach aois sa Bheurla le eadar-theangachadh Gàidhlig: 11.00-11.30m Dimàirt 18 Cèitean

Thèid gach leasan a chlàradh, agus thèid na clàraidhean a chur suas gach latha gus am bi cothrom agad coimhead orra mur robh cothrom agad a bhith an làthair aig an t-seisean beò.

Clàraich airson Leasan Beò sa Ghàidhlig: Seachdain Nàdar na h-Alba / Register for Natural Scotland Week Live Lesson in Gaelic


Dùbhlan na seachdaine: comharraich nàdar

Tha sinn a’ toirt cuireadh do sgoiltean agus sgoiltean-àraich bho air feadh na dùthcha a dhol a-mach agus an nàdar agaibh a chomharrachadh. Thèid ainmean a thoirt do na sgoiltean is na sgoiltean-àraich uile a chuireas a-steach toraidhean an dùbhlain aig Cruinneachadh Seachdain Nàdar na h-Alba air 18 Màrt agus gheibh iad goireas origami nàdair an-asgaidh.

Thèid an dùbhlan a chur air bhog aig na Leasanan Beò air 10 agus 11 Cèitean.

Chan urrainn dhuinn a’ bhuaidh as motha a thoirt gu buil ach le bhith ag obair còmhla!

Leasanan Beò agus Èiceo-sgoiltean

Na dìochuimhnich gum faodar pàirt a ghabhail ann an gin de na Leasanan Beò againn agus na gnìomhan ceangailte riutha a chunntadh a dh’ionnsaigh Duais Bratach Uaine bho Èiceo-sgoiltean Alba.

Leasanan dhen aon choltas

Seachdain Nàdar na h-Alba 2026

Thigibh còmhla rinn airson leasan beò ann an Gàidhlig mu dheidhinn ar saoghal nàdarra iongantach.

Join us for a Live Lesson in Gaelic all about our amazing natural world.

Coimhead a-rithist (Watch again)
Seachdain Nàdar na h-Alba 2025

Thig còmhla rinn airson seachdain de Leasanan Beò inntinneach mu ar saoghal nàdarra iongantach.

Join us for a week of exciting Live Lessons all about our amazing natural world.

Coimhead a-rithist (Watch again)
RSPB Birdwatch sa Ghàidhlig

Thig còmhla rinn airson leasan inntinneach sa Ghàidhlig a sheallas an obair a bhios an RSPB a’ dèanamh, agus mar a dh’aithnicheas sibh eòin gus an urrainn dhuibh pàirt a ghabhail ann am Big Birdwatch.

Join us for an exciting lesson in Gaelic exploring the work of the RSPB, and how to identify birds so you can take part in the Big Birdwatch.

Coimhead a-rithist (Watch again)

Keep updated

We support the