Skip to main content
 

Seachdain Nàdar na h-Alba 2026

Seachdain Nàdar na h-Alba 2026

Thig còmhla rinn gus ionnsachadh mu ar saoghal nàdarra iongantach agus gnìomh a dhèanamh gus aire a thoirt dha. Am‑bliadhna, bidh sinn ag obair còmhla ri Urras Nàiseanta na h‑Alba agus Oifigear Gàidhlig ar sgioba gus coimhead air na ceanglaichean eadar a’ Ghàidhlig, Albais agus dualchas nàdarra na h‑Alba.

Tha a h-uile leasan ceangailte ris a’ churaicealam le goireasan gus an ionnsachadh a thoirt air adhart.

Leis gu bheil na Leasanan Beò againn air an clàradh agus air an sgaoileadh air‑loidhne, bidh camarathan agus microfònaichean dheth. Mar sin, feumaidh na leasanan againn taic agus stiùireadh bho thidsearan san t‑seòmar‑chlas, gus dèanamh cinnteach gun urrainn do na sgoilearan pàirt a ghabhail anns na gnìomhan eadar‑ghnìomhach againn.

Dùbhlan na seachdain: Ainmich àite airson nàdair

Am‑bliadhna, tha sinn a’ toirt cuireadh do sgoiltean agus sgoiltean-àraich bho air feadh na dùthcha a bhith ag obair còmhla gus barrachd àiteachan a chruthachadh airson nàdair ann an Alba. Lorg àite airson nàdair, thoir ainm dha sa Ghàidhlig no sa Albais (no an dà chuid!), agus seall e dhuinn.

Chan urrainn dhuinn a’ bhuaidh as motha a thoirt gu buil ach le bhith ag obair còmhla!

C4 sa Bhun-sgoil - C2 san Àrd-sgoil

Thig còmhla ri Chris bho Urras Nàiseanta na h‑Alba, agus ris an Oifigear Gàidhlig againn, Jonathan, gus eachdraidh nan cànanan ann an Alba a rannsachadh, gus faighinn a‑mach na h‑ainmean Gàidhlig agus na h‑ainmean Albais a th’ air cuid de na beathaichean dùthchasach againn, agus gus beachdachadh air mar as urrainn dhuinn na cànanan seo a thoirt air ais le bhith ag ainmeachadh nàdair ionadail.

Natural Scotland Week 2026 P4-S2 Lesson in Gaelic

Às dèidh an leasain, thathar a’ toirt cuireadh do na sgoilearan pàirt a ghabhail san dùbhlan “Cruthaich agus thoir ainm dha nàdar” (faic gu h‑àrd airson barrachd fiosrachaidh), a bharrachd air an goireas leantainneach againn:

Dèan sgrùdadh air ainmean‑àite ionadail: tha sinn a’ toirt cuireadh do sgoilearan faighinn a-mach an d' thàinig gin de na h‑ainmean‑àite ionadail aca agus ainmean feartan nàdarra bhon Ghàidhlig agus/no bhon Albais, agus an uairsin feuchainn ri na lorg iad eadar-theangachadh eadar a’ Ghàidhlig, Albais agus Beurla. Luchdaich a‑nuas an goireas.

Cruinneachadh

Thig còmhla rinn airson ceasnachadh stèidhichte air leasanan na seachdain, faigh a‑mach cò a choisinn duaisean ar dùbhlain, agus thoir leibh ur ceistean airson an t‑seisein.

Natural Scotland Week 2026 Assembly recording - Gaelic

Leasanan Beò agus Èiceo-sgoiltean

Na dìochuimhnich gum faodar pàirt a ghabhail ann an gin de na Leasanan Beò againn agus na gnìomhan ceangailte riutha a chunntadh a dh’ionnsaigh Duais Bratach Uaine bho Èiceo-sgoiltean Alba.

An do chòrd na leasanan seo riut?

An uairsin tadhal air an duilleag-dachaigh againn gus faicinn dè tha ri thighinn agus clàraich airson a dhol a-steach.

Leasanan dhen aon choltas

Natural Scotland Week 2026

Join us to learn all about our amazing natural world and take action to look after it.

Watch again
Seachdain Nàdar na h-Alba 2025

Thig còmhla rinn airson seachdain de Leasanan Beò inntinneach mu ar saoghal nàdarra iongantach.

Join us for a week of exciting Live Lessons all about our amazing natural world.

Coimhead a-rithist (Watch again)
Seachdain Glanadh an Earraich 2025

Leasan Gàidhlig air sgudal a tha aig an aon àm ris an Iomairt Glanadh an Earraich. 

Gaelic lesson on litter and waste timed with our Spring Clean campaign.

Coimhead a-rithist (Watch again)
RSPB Birdwatch sa Ghàidhlig

Thig còmhla rinn airson leasan inntinneach sa Ghàidhlig a sheallas an obair a bhios an RSPB a’ dèanamh, agus mar a dh’aithnicheas sibh eòin gus an urrainn dhuibh pàirt a ghabhail ann am Big Birdwatch.

Join us for an exciting lesson in Gaelic exploring the work of the RSPB, and how to identify birds so you can take part in the Big Birdwatch.

Coimhead a-rithist (Watch again)

Keep updated

We support the