Seachdain Nàdar na h-Alba 2025 - Leasan Gàidhlig | Keep Scotland Beautiful
Skip to main content
 

Seachdain Nàdar na h-Alba 2025 - Leasan Gàidhlig

Seachdain Nàdar na h-Alba 2025 - Leasan Gàidhlig

Thig còmhla rinn airson leasan beò inntinneach mu ar saoghal nàdarra iongantach.

Gnìomhachd na seachdain: Cruthaich àite airson nàdair

Tha farpais dèan àite airson nàdair dùinte a-nis, ach faodaidh tu fhathast pàirt a ghabhail san ghnìomhachd le bhith a’ cleachdadh an goireas gu h-ìosal.

Leasan

Tha an leasan seo na chothrom sònraichte do sgoilearan pàirt a ghabhail ann an leasan eadar-gnìomhach mu dheidhinn èiceo-shiostaman. Ionnsaichidh iad mu na diofar sheòrsaichean de dh’èiceo-shiostaman a tha timcheall oirnn agus na rudan beò is neo-bheò a lorgas sinn annta. Cuidichidh am prògram seo sgoilearan gus tuigse nas fheàrr fhaighinn air mar a tha gach pàirt den àrainneachd ceangailte agus cudromach nar beatha làitheil. Tro ghnìomhan agus còmhraidhean, bidh cothrom aca smaoineachadh air mar a tha an saoghal air a chruthachadh agus mar as urrainn dhuinn cùram a ghabhail dheth.

Seachdain Nàdar na h-Alba 2025 - Leasan Gàidhlig

Cruinneachadh (ann am Beurla) 

Cruinneachadh a’ toirt sùil air ais air na rudan a dh’ionnsaich sinn an t-seachdain seo agus a’ freagairt cheistean a thàinig a-steach bho na h-aoighean a bharrachd air a’ sealltainn na h-obair a chaidh a roinn linn thairis air an t-seachdain.

Natural Scotland Week 2025: Assembly

Leasanan Beò agus Èiceo-sgoiltean

Na dìochuimhnich gum faodar pàirt a ghabhail ann an gin de na Leasanan Beò againn agus na gnìomhan ceangailte riutha a chunntadh a dh’ionnsaigh Duais Bratach Uaine bho Èiceo-sgoiltean Alba.

An do chòrd na leasanan seo riut?

An uairsin tadhal air an duilleag-dachaigh againn gus faicinn dè tha ri thighinn agus clàraich airson a dhol a-steach.

Leasanan den aon choltas

Seachdain Glanadh an Earraich 2025

Leasan Gàidhlig air sgudal a tha aig an aon àm ris an Iomairt Glanadh an Earraich. 

Gaelic lesson on litter and waste timed with our Spring Clean campaign.

Coimhead a-rithist (Watch again)
RSPB Birdwatch sa Ghàidhlig

Thig còmhla rinn airson leasan inntinneach sa Ghàidhlig a sheallas an obair a bhios an RSPB a’ dèanamh, agus mar a dh’aithnicheas sibh eòin gus an urrainn dhuibh pàirt a ghabhail ann am Big Birdwatch.

Join us for an exciting lesson in Gaelic exploring the work of the RSPB, and how to identify birds so you can take part in the Big Birdwatch.

Coimhead a-rithist (Watch again)
Gaelic & Climate Justice

How does the Gaelic language relate to climate justice?

This lesson is in English.

Coimhead a-rithist (Watch again)

Keep updated

We support the