Skip to main content
 

Seachdain Glanadh an Earraich 2026

Seachdain Glanadh an Earraich 2026

Leasan beò eadar-ghnìomhach le goireasan, a bhrosnaicheas thusa agus do sgoilearan gus pàirt a ghabhail san iomairt bhliadhnail againn, Glanadh an Earraich ann an Alba! Gabh pàirt nar sabaid an-aghaidh sgudail!

Clàr-ama agus clàradh

Seo na h-amannan airson nan leasanan:

P4-S2 Leasan sa Ghàidhlig: 1.30-2.10f Diluain 16mh dhen Mhàrt 2026

Cruinneachadh de gach aois sa Bheurla le eadar-theangachadh Gàidhlig: 11.00-11.30m Diluain 23mh dhen Mhàrt 2026

 

Thèid gach leasan a chlàradh, agus thèid na clàraidhean a chur suas gach latha gus am bi cothrom agad coimhead orra mur robh cothrom agad a bhith an làthair aig an t-seisean beò.

Clàraich airson Leasan Beò sa Ghàidhlig: Seachdain Glanadh an Earraich / Register for Spring Clean Week Live Lesson in Gaelic

Farpais na Seachdaine: Tog sgudail còmhla

Am‑bliadhna tha sinn a’ toirt cuireadh do sgoiltean agus sgoiltean-àraich bho air feadh na dùthcha gus an urrainn iad ag obair còmhla gus glanadh an earraich a dhèanamh. Cuir air dòigh uimhir de thogail‑sgudail anns a’ Mhàrt, agus cuir a-steach cia mheud pìos sgudail a chruinnicheas sibh airson a dhol a-steach don tarraing‑duais againn.

Is ann dìreach le bhith ag obair còmhla as urrainn dhuinn a’ bhuaidh as motha a thoirt gu buil!

Thèid mion‑fhiosrachadh slàn mun cho‑fharpais agus mu na duaisean fhoillseachadh an seo ro chinn‑latha nan Leasanan Beò. Thèid an stiùireadh airson na gnìomhachd seo a thoirt seachad sa Bheurla.

 

Leasan beò

Anns an Leasan Bheò am‑bliadhna, bheir sinn sùil air cùis sgudal aodaich ann an Alba agus air feadh an t‑saoghail. Rannsaichidh sinn cuid de na h‑adhbharan a tha a’ ciallachadh gu bheil uimhir de sgudal aodaich ga chur gu buil, agus coimheadaidh sinn air cuid de na fuasglaidhean, a’ gabhail a-steach mar as urrainn dhuinn barrachd luach a chur air ar n‑aodach agus cùram nas fheàrr a ghabhail dhiubh.

Às dèidh na leasain, gabh pàirt anns an farpais togail-sgudail againn (gu h-àrd). An uair sin, obraich tro shreath de ghnìomhan a chaidh a dhealbhadh leis an Futures Institute aig Dollar Academy gus barrachd tuigse fhaighinn air buaidhean àrainneachdail gnìomhachas an aodaich, agus cuir air dòigh do thachartas ath‑chleachdadh aodaich fhèin gus dèiligeadh ris an duilgheadas, le cothroman sgilean ionnsachadh ann an iomairt, càradh agus ath‑chleachdadh cruthachail (upcycling).

Thèid na goireasan slàn fhoillseachadh an seo nas fhaisge air ceann-latha na leasanach.

Cruinneachadh

Cruinneachadh air a lìbhrigeadh sa Bheurla, far am bi sinn a’ tilleadh gu na dh’ionnsaich sinn an t‑seachdain seo, a’ gabhail pàirt ann am farpais-cheist mu sgudal agus na thèid a chur air falbh, agus a’ foillseachadh buannaichean ar Farpais Togail‑sgudail!

Innis dhuinn ur beachdan:

Ma tha sibh an làthair aig cuid de na Leasanan Beò againn, bhiodh e math cluinntinn ur beachdan.

Leasanan Beò agus Èiceo-sgoiltean

Na dìochuimhnich gum faodar pàirt a ghabhail ann an gin de na Leasanan Beò againn agus na gnìomhan ceangailte riutha a chunntadh a dh’ionnsaigh Duais Bratach Uaine bho Èiceo-sgoiltean Alba.

Leasanan den aon choltas

Seachdain Nàdar na h-Alba 2025

Thigibh còmhla rinn airson seachdain de Leasanan Beò inntinneach mu ar saoghal nàdarra iongantach.

Join us for a week of exciting Live Lessons all about our amazing natural world.

Coimhead a-rithist (Watch again)
Seachdain Glanadh an Earraich 2025

Leasan Gàidhlig mu sgudal, air a chur air dòigh aig an aon àm ris an Iomairt Glanadh an Earraich.

Gaelic lesson on litter and waste timed with our Spring Clean campaign.

Coimhead a-rithist (Watch again)
RSPB Birdwatch sa Ghàidhlig

Thig còmhla rinn airson leasan inntinneach sa Ghàidhlig a sheallas an obair a bhios an RSPB a’ dèanamh, agus mar a dh’aithnicheas sibh eòin gus an urrainn dhuibh pàirt a ghabhail ann am Big Birdwatch.

Join us for an exciting lesson in Gaelic exploring the work of the RSPB, and how to identify birds so you can take part in the Big Birdwatch.

Coimhead a-rithist (Watch again)

Keep updated

We support the