Seachdain Glanadh an Earraich 2025
Seachdain Glanadh an Earraich 2025
A rèir tòiseachadh ar Iomairt Glanadh an Earraich, tha ar leasan Gàidhlig a’ rannsachadh nan seòrsaichean sgudail as cumanta agus a’ cur cuideam air mar as urrainn Lùghdachadh, Ath-chuairteachadh agus Ath-chleachdadh ar cuideachadh ann a bhith a’ dèiligeadh ri sgudal agus truailleadh na h-àrainneachd.
Gnìomhan na seachdaine:
Mar phàirt de Ghlanadh an Earraich 2025, bu toil leinn cuireadh a thoirt do na clasaichean a tha a’ gabhail pàirt gus ar cuideachadh le bhith a’ dèanamh Alba nas glaine.
- Tagh àite faisg oirbh a tha sibh airson a chumail bòidheach; faodaidh e a bhith san sgoil agaibh no sa choimhearsnachd. Coimhead às dèidh an àite seo le bhith a’ togail sgudal agus a’ gabhail pàirt anns na gnìomhan a leanas bho na leasanan san t-seachdain seo.
- Tog dealbh den àite agaibh agus cuir e thugainn airson ar Luchd-naidheachd airson ar n-Àrainneachd – farpais airson ar 30mh co-latha-breith. Innis dhuinn carson a tha e cudromach an t-àite agaibh a chumail bòidheach, agus faodaidh do dhealbh a bhith anns an 30mh mìosachan airson ar ceann bliadhna agus bhiodh tusa ann airson duais airgid fhaighinn!
- Clàraich an togail-sgudail agaibh anns an Lìg-sgudail - Farpais airson Sgoiltean agus cuidich an t-ùghdarras ionadail agaibh gus an duais fhaighinn!
Tha làn-fhiosrachadh mu na gnìomhan seo ri fhaighinn anns a’ ghoireas "Adopt a Place" gu h-ìosal.
Leasan: Sgeulachd de phacaid bhrisg
Chuala a’ mhòr-chuid againn mu Lùghdaich, Ath-chleachdadh agus Ath-chuartachadh, ach cò ris a tha seo coltach a thaobh nan rudan a chleachdas sinn gach latha? Thig còmhla ruinn gus a' dol air turas eadar-ghnìomhaich le pacaid bhrisg gus fhaicinn de thachras agus ciamar a ’s urrainn dhuinn sgeulachd innse a tha nas coibhneile ris ar n-àrainneachd, a gabhail a-steach saidheans agus matamataig.
Cruinneachadh (ann am Beurla)
Cruinneachadh a’ toirt sùil air ais air na rudan a dh’ionnsaich sinn an t-seachdain seo agus a’ freagairt cheistean a thàinig a-steach bho na h-aoighean a bharrachd air a’ sealltainn na h-obair a chaidh a roinn linn thairis air an t-seachdain.
Leasanan Beò agus Èiceo-sgoiltean
Na dìochuimhnich gum faodar pàirt a ghabhail ann an gin de na Leasanan Beò againn agus na gnìomhan ceangailte riutha a chunntadh a dh’ionnsaigh Duais Bratach Uaine bho Èiceo-sgoiltean Alba.
An do chòrd na leasanan seo riut?
An uairsin tadhal air an duilleag-dachaigh againn gus faicinn dè tha ri thighinn agus clàraich airson a dhol a-steach.
’S docha gum bi ùidh cuideachd agaibh ann an
This week of Live Lessons accompanies our annual Spring Clean Campaign. Find out how you can help us keep Scotland looking beautiful by organising a Clean Up in your school or community.
Leasanan den aon choltas

Thigibh còmhla rinn airson seachdain de Leasanan Beò inntinneach mu ar saoghal nàdarra iongantach.
Join us for a week of exciting Live Lessons all about our amazing natural world.

Thig còmhla rinn airson leasan inntinneach sa Ghàidhlig a sheallas an obair a bhios an RSPB a’ dèanamh, agus mar a dh’aithnicheas sibh eòin gus an urrainn dhuibh pàirt a ghabhail ann am Big Birdwatch.
Join us for an exciting lesson in Gaelic exploring the work of the RSPB, and how to identify birds so you can take part in the Big Birdwatch.

How does the Gaelic language relate to climate justice?
This lesson is in English.
We support the