Seachdain Gnìomh Gnàth-shìde 2025 | Keep Scotland Beautiful
Skip to main content
 

Seachdain Gnìomh Gnàth-shìde 2025

Seachdain Gnìomh Gnàth-shìde 2025

Air a chur air dòigh aig àm Seachdain na Gnàth-shìde aig Riaghaltas na h-Alba, bidh Seachdain Gnìomh na Gnàth-shìde am-bliadhna a’ leantainn sgeulachd atharrachadh na gnàth-shìde bhon àm a dh’fhalbh chun an latha an-diugh, le cothroman airson rudan a dhèanamh còmhla gus dòchas a chruthachadh airson an ama ri teachd.

Tha am prògram Leasan Beò againn air a mhaoineachadh le Riaghaltas na h-Alba, le taing do Scottish Power airson taic a thoirt don ùghdar agus airson nan duaisean.

Gnìomh na seachdaine: Cruinneachadh Gnìomh Gnàth-shìde

Am bliadhna, tha sinn a’ toirt cuireadh do sgoiltean agus sgoiltean-àraich bho air feadh na dùthcha gus am faigh iad cothrom obrachadh còmhla gus gasaichean taigh-ghlainne a lughdachadh. 

Ma dh’obraicheas sinn còmhla, ’s urrainn dhuinn a’ bhuaidh as motha a thoirt gu buil.

Leasan

Ag obair còmhla gus cuideachadh le atharrachadh na gnàth-shìde!

Tòisichidh sinn an-diugh le leasan spòrsail mu atharrachadh na gnàth-shìde.

Ionnsaichidh sinn mu na rudan a tha a’ tachairt san t-saoghal agus mar as urrainn dhuinn cuideachadh.

Tha sinn airson gun obraich sibh còmhla rinn air gnìomh cudromach, ach bidh e spòrsail cuideachd!

Seachdain Gnìomh Gnàth-shìde 2025 - Leasan Gàidhlig

Às dèidh an leasain, faodaidh sgoilearan pàirt a ghabhail ann an seachdain de ghnìomhan a bhios a’ toirt taic do dh’ionnsachadh agus do ghnìomh air atharrachadh na gnàth-shìde. Faodaidh sibh pàirt a ghabhail anns a h-uile gnìomh, no dìreach taghadh an fheadhainn a tha freagarrach don t-suidheachadh agaibh.

Gnìomh a h-aon: Rannsaich Gnìomh Gnàth-shìde: Gabh pàirt nar farpais-ceist gus faicinn dè cho eòlach ’s a tha sibhse air atharrachadh na gnàth-shìde agus suidheachadh an t-saoghail san latha an-diugh. Thoir am farpais-ceist dhachaigh agus dhan sgoil, agus faodaidh ur parantan agus ur tidsearan pàirt a ghabhail. Roinn na comharraidhean agaibh aig a’ chruinneachadh air 30mh den t-Sultain gus faicinn na fhuair sgoiltean eile air feadh na dùthcha.Clio airson a’ Ghoireas.

Gnìomh a dhà: Cumhachd na Gaoithe agus na Grèine Feuch ar gnìomh ionnsachaidh a-muigh ann an STEM gus ionnsachadh mar a chleachdas sinn cumhachd na gaoithe agus na grèine gus lùth ath-nuadhachail a chruthachadh. Clio airson a’ Ghoireas.

Gnìomh a trì: Roinn ur beachdan: Tha sinn airson cluinntinn dè tha daoine òga a’ smaoineachadh mu atharrachadh na gnàth-shìde agus na bu chòir dhuinn a dhèanamh mu dheidhinn. Tha sinn a’ toirt cuireadh do dhaoine òga na beachdan aca a roinn, air a’ chuspair seo, anns a’ chruth a thaghas iad fhèin, agus roinnidh sinn iad le Riaghaltas na h-Alba mus tig COP30 ann am Braisil san t-Samhain. Clio airson a’ Ghoireas.

Cruinneachadh

Cruinneachadh a’ toirt sùil air ais air na rudan a dh’ionnsaich sinn an t-seachdain seo agus a’ freagairt cheistean a thàinig a-steach bho na h-aoighean a bharrachd air a’ sealltainn na h-obair a chaidh a roinn linn thairis air an t-seachdain.

Climate Action Week 2025 Assembly in Gaelic

Leasanan Beò agus Èiceo-sgoiltean

Na dìochuimhnich gum faodar pàirt a ghabhail ann an gin de na Leasanan Beò againn agus na gnìomhan ceangailte riutha a chunntadh a dh’ionnsaigh Duais Bratach Uaine bho Èiceo-sgoiltean Alba.

An do chòrd na leasanan seo riut?

An uairsin tadhal air an duilleag-dachaigh againn gus faicinn dè tha ri thighinn agus clàraich airson a dhol a-steach.

Leasanan den aon choltas

Seachdain Nàdar na h-Alba 2025

Thigibh còmhla rinn airson seachdain de Leasanan Beò inntinneach mu ar saoghal nàdarra iongantach.

Join us for a week of exciting Live Lessons all about our amazing natural world.

Coimhead a-rithist (Watch again)
Seachdain Glanadh an Earraich 2025

Leasan Gàidhlig air sgudal a tha aig an aon àm ris an Iomairt Glanadh an Earraich. 

Gaelic lesson on litter and waste timed with our Spring Clean campaign.

Coimhead a-rithist (Watch again)
RSPB Birdwatch sa Ghàidhlig

Thig còmhla rinn airson leasan inntinneach sa Ghàidhlig a sheallas an obair a bhios an RSPB a’ dèanamh, agus mar a dh’aithnicheas sibh eòin gus an urrainn dhuibh pàirt a ghabhail ann am Big Birdwatch.

Join us for an exciting lesson in Gaelic exploring the work of the RSPB, and how to identify birds so you can take part in the Big Birdwatch.

Coimhead a-rithist (Watch again)
Gaelic & Climate Justice

How does the Gaelic language relate to climate justice?

This lesson is in English.

Coimhead a-rithist (Watch again)

Keep updated

We support the