Skip to main content
 

Mìos Gnìomh airson na Gnàth-shìde 2026

Am bliadhna tha sinn ag iarraidh oirbh a bhith an sàs ann an Gnìomh airson na Gnàth-shìde airson fad an t-Sultain, le leasanan agus gnìomhan a’ gabhail àite tron ​​mhìos agus an cruinneachadh againn air a chumail aig àm Seachdain na Gnàth-shìde aig Riaghaltas na h-Alba.

Tha a h-uile leasan ceangailte ris a’ churaicealam le goireasan gus ionnsachadh a thoirt air adhart.

Tha am prògram Leasan Beò againn air a mhaoineachadh le Riaghaltas na h-Alba.

Leis gu bheil na Leasanan Beò againn air an clàradh agus air an sgaoileadh air-loidhne, bidh camarathan agus microfònan air an cur à comas do chom-pàirtichean. Air sgàth seo, tha e riatanach gum bi tidsearan an làthair san t-seòmar-sgoile gus taic a thoirt don leasan agus gus dèanamh cinnteach gu bheil sgoilearan comasach air pàirt a ghabhail anns na gnìomhan.

Tha na leasanan againn a’ toirt taic don Churraicealaim, Àrainn na Sgoile, Coimhearsnachd agus Cultar den Target 2030 Learning for Sustainability Action Plan, a bharrachd air Saoranachd na Cruinne agus Meata Sgilean.

Bidh na h-Amasan Leasachadh Seasmhach agus Còraichean Chloinne air an gabhail a-steach sna leasanan seo:

Farpais Gnìomh airson na Gnàth-shìde

Mar phàirt de Mhìos Gnìomh airson na Gnàth-shìde, tha sinn a’ toirt cuireadh do sgoiltean is sgoiltean-àraich air feadh na dùthcha a bhith ag obair còmhla gus ar sgaoilidhean de ghasaichean taigh-ghlainne a lughdachadh. Tron t-Sultain, bidh cothrom agaibh tagh bho raon de ghnìomhan gus sgaoilidhean gasa taigh-glainne a lughdachadh agus sùil a chumail air sàbhalaidhean sgaoilidhean.

Tha am pàirt farpais den ghnìomhachd seo a-nis dùinte, ach faodaidh tu fhathast pàirt a ghabhail gus na sgaoilidhean gasaichean taigh-glainne agad a lùghdachadh.

Ma dh’obraicheas sinn còmhla, ’s urrainn dhuinn a’ bhuaidh as motha a thoirt gu buil.

Leasan

An robh fios agad gur e còmhdhail a tha a' cur as motha ri gasaichean taigh-glainne ann an Alba? Anns an leasan seo, nì sinn sgrùdadh air na duilgheadasan a tha an lùib còmhdhail le cumhachd connaidh fosail, a’ gabhail a-steach atharrachadh na gnàth-shìde, truailleadh adhair agus fuaim, agus coimheadaidh sinn air mar as urrainn dhuinn siubhal ann an dòigh nas seasmhaiche (agus nas tlachdmhoire), ge bith càit a bheil sinn a’ fuireach no càit a bheil an sgoil againn.

Climate Action Month 2026 P4 to S2 Gaelic Live Lesson recording

Às dèidh an leasain, bidh cothrom agaibh am bacadh air siubhal san sgìre ionadail agaibh a rannsachadh agus 's urrainn dhuibh iomairt-bhidio a chruthachadh gus dèiligeadh ris. 

Na dìochuimhnich gu bheil siubhal gnìomhach na phàirt den Fharpais againn airson Mìos Gnìomh airson na Gnàth-shìde, mar sin gabh pàirt gus na puingean agaibh fhaighinn!

Cruinneachadh

Till sinn chun na dh’ionnsaich sinn rè Mìos Gnìomh airson na Gnàth-shìde, bidh ceisteachan air gnìomh airson na gnàth-shìde agus toraidhean ar Farpais Gnìomh airson na Gnàth-shìde, a’ gabhail a-steach na buannaichean de na duaisean!

Climate Action Month 2026 Assembly in Gaelic

Leasanan Beò agus Èiceo-Sgoiltean

Na dìochuimhnich gum faodar pàirt a ghabhail anns na Leasanan Beò againn agus bidh na gnìomhan ceangailte riutha a chunntadh a dh’ionnsaigh Duais Bratach Uaine bho Èiceo-Sgoiltean Alba.

An do chòrd na leasanan seo riut?

An uairsin tadhal air an duilleag-dachaigh againn gus faicinn dè tha ri thighinn agus clàraich airson a dhol a-steach.

Leasanan den aon choltas

Seachdain Gnìomh airson na Gnàth-shìde 2025

Leasan beò sa Ghàidhlig air atharrachadh na gnàth-shìde, le cothroman gus diofar a dhèanamh airson àm ri teachd nas fheàrr.

Gaelic live lesson on climate change, with opportunities to take action for a brighter future.

Coimhead a-rithist (Watch again)
Gaelic & Climate Justice

How does the Gaelic language relate to climate justice?

This lesson is in English.

Coimhead a-rithist (Watch again)

Keep updated

We support the