Skip to main content
 

Ar Dualchas, Ar n-Àm ri Teachd

Ar Dualchas, Ar n-Àm ri Teachd

Brosnachadh dualchas sa choimhearsnachd agus gnìomh airson na gnàth-shìde

Tha sinn a’ mothachadh cho luachmhor ’s a tha ar n-àitichean agus an dualchas aca, agus tha sinn air ar brosnachadh gu gnìomh gus cùram a ghabhail dhiubh.

Tha luchd saor-thoileach ag obair gu dìcheallach gus piseach a thoirt air na sgìrean aca. Tha sinn ag amas air taic a thoirt dhaibh tro ar trèanadh agus tro lìonra de thaic choimhearsnachd, agus tha sinn ag iarraidh an soirbheachas aca a chomharrachadh tro na duaisean againn agus teisteanas-barantachaidh.

Bidh Ar Dualchas, Ar n-Àm ri Teachd a’ toirt taic do choimhearsnachdan gus an dualchas aca a rannsachadh, a chlàradh agus a dhìon tro ghnìomhan làimhe, leasachaidhean sgilean agus prògraman ionnsachaidh do dhaoine òga.

Bidh sinn a’ tabhann gnìomhan eadar-dhealaichte gus coimhearsnachdan a chuideachadh le bhith a’ tuigsinn a’ bhuaidh a bheir atharrachadh na gnàth-shìde air dualchas nàdarra is cultarach.

Sgilean dualchas agus gnàth-shìde

As urrainn dhuinn obrachadh còmhla ri ur coimhearsnachd gus sgilean dualchais a leasachadh, tro bhith a’ cur air dòigh turasan treòraichte, taigh-tasgaidh sealach, rannsachadh eachdraidheil, agus clàradh àrainneachd eachdraidheil. Tro na gnìomhan seo, ‘s urrainn dhut obrachadh a dh’ionnsaigh teisteanas foirmeil no dìreach airson beagan spòrs a ghabhail!

Sgilean dualchas agus gnàth-shìde
Sgilean dualchas agus gnàth-shìde

Dualchas agus gnìomh airson na gnàth-shìde ann an coimhearsnachdan

As urrainn dhuinn ur coimhearsnachd a chuideachadh gus Plana-gnìomha mu choinneimh na Gnàth-shìde airson Dualchas Coimhearsnachd a chruthachadh. Le bhith ag aithneachadh thogalaichean, àiteachan agus nòsan a tha cudromach don choimhearsnachd, coimheadaidh sinn gu dlùth air na cothroman is cunnartan san àm ri teachd, a’ gabhail a-steach buaidh atharrachadh na gnàth-shìde. Nuair a thèid a choileanadh, bidh am plana na dhuilleag bheò a ghabhas atharrachadh agus a bhios buntainneach don choimhearsnachd agaibh.

Dualchas agus gnìomh airson na gnàth-shìde ann an coimhearsnachdan
Dualchas agus gnìomh airson na gnàth-shìde ann an coimhearsnachdan

Dualchas agus gnìomh gnàth-shìde ann an sgoiltean

Mar phàirt de Ar Dualchas, Ar n-Àm ri Teachd, tha sinn air cuspair ùr a chruthachadh airson Èiceo-sgoiltean, a tha ag amas air daoine òga a stiùireadh tro bhuaidh atharrachadh na gnàth-shìde air ar dualchas. ’S urrainn dhuinn taic a thoirt do na sgoiltean sa choimhearsnachd agaibh gus barrachd ionnsachadh mun dualchas ionadail tro bhùthan-obrach agus tron phrògram.

Dualchas agus gnìomh gnàth-shìde ann an sgoiltean
Dualchas agus gnìomh gnàth-shìde ann an sgoiltean

Tachartasan - Ar Dualchas, Ar n-Àm ri Teachd

Ar prògram de thachartasan is bùthan-obrach gus daoine a chuideachadh le bhith ag ionnsachadh mu dheidhinn agus a’ gabhail pàirt anns an àrainneachd eachdraidheil air feadh na h-Alba.

Tachartasan - Ar Dualchas, Ar n-Àm ri Teachd
Tachartasan - Ar Dualchas, Ar n-Àm ri Teachd

Naidheachdan

Thoir sùil air na sgeulachdan-naidheachd againn bho air feadh na h-Alba fhad ’s a tha sinn ag obair còmhla ri coimhearsnachdan gus an dualchas togte, cultarach is nàdarra aca a chomharrachadh.

Tha maoineachadh air a dhearbhadh gus Ar Dualchas, Ar n-Àm ri Teachd a thoirt air feadh na h-Alba.

Fhuair sinn còrr is £900,000 le Maoin Dualchais a’ Chrannchuir Nàiseanta gus taic a thoirt do choimhearsnachdan air feadh na h-Alba gus an dualchas aca a rannsachadh, a chlàradh, a dhìon agus a chomharrachadh, agus gus planaichean a dhèanamh airson an t-àm ri teachd, a’ gabhail a-steach atharrachadh gnàth-shìde, tro Ar Dualchas, Ar n-Àm ri Teachd.

Barrachd fiosrachaidh (Beurla)
Tha Ro-innleachd airson Àrainneachd Eachdraidheil na h-Alba a’ toirt a-steach Ar Dualchas, Ar n-Àm ri Teachd

Tha sinn toilichte gu bheil ar program Ar Dualchas, Ar n-Àm ri Teachd air a nochdadh mar aon de na sia roinnean ‘fo lèirsinn’ ann an Aithisg Bhliadhnail 2024/2025 airson Ar Linn a Dh’fhalbh, Ar n-Àm ri Teachd, ro-innleachd airson Àrainneachd Eachdraidheil na h-Alba, a chaidh fhoillseachadh an t-seachdain seo.

Barrachd fiosrachaidh (Beurla)

Na luchd-maoin againn

Tha Ar Dualchas, Ar n-Àm ri Teachd comasach le taic bho Àrainneachd Eachdraidheil Alba agus Maoin Dualchais a’ Chrannchuir Nàiseanta, le taing do chluicheadairean a' Chrannchuir Nàiseanta.

Keep updated

We support the