Ceanglaichean Gàidhlig ann am pàircean Ghlaschu gan comharrachadh ann an taisbeanadh ùr
01 October 2026
Chaidh an taisbeanadh a dhealbhadh le luchd-labhairt agus luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig a bha a’ gabhail pàirt anns an trèanadh A’ Cruthachadh Thaisbeanaidhean tro phrògram Ar Dualchas, Ar n-Àm ri Teachd aig Cùm Alba Bòidheach. Tha e a’ togail air cliù Ghlaschu mar an t-Àite Uaine Còir agus a’ sealltainn mar a tha dualchas na Gàidhlig ri lorg fhathast ann an cruth-tìre agus eachdraidh a’ bhaile.
Tha am pròiseact a’ cur fòcas air còig pàircean, Pàirc Cheilbhinn, Pàirc Bhaile Ùisdein, Pàirc na Banrigh, Pàirc Elder agus Àlainn Ghlaschu. Tro dhealbhan eachdraidheil, mapaichean, fiolm agus stuthan rannsachaidh eile, tha an taisbeanadh a’ toirt sùil air na sgeulachdan, na daoine agus na ceanglaichean cultarach a tha co-cheangailte ris na h-àiteachan seo.
Mar phàirt den phròiseact, fhuair na com-pàirtichean trèanadh agus taic bho Chùm Alba Bòidheach ann a bhith a’ rannsachadh, a’ dealbhadh agus a’ taisbeanadh sgeulachdan dualchais. Chaidh iad cuideachd air turas gu Maryhill Burgh Halls, far an do dh’ionnsaich iad mu bhith a’ cur taisbeanadh ri chèile agus a’ coinneachadh ris na dùbhlain agus na cothroman a tha an lùib obair dualchais.
Thadhail a’ bhuidheann cuideachd air pròiseact Clachan Ghobhainn aig latha fosgailte arc-eòlais, far an d’ fhuair iad sealladh air mar a tha rannsachadh eachdraidheil agus lorgaidhean àrc-eòlas a’ cuideachadh le bhith ag innse sgeulachd na sgìre. Chuidich Leabharlann Mhitchell leis an rannsachadh cuideachd, a’ toirt cothrom dhan bhuidheann dealbhan eachdraidheil de na pàircean a chleachdadh bho na tasglannan didseatach aca.
Tha an taisbeanadh a’ cur ri comharrachadh Mòd Nàiseanta Rìoghail 2026 agus a’ nochdadh mar a tha coimhearsnachdan ionadail a’ cumail agus a’ roinn dualchas na Gàidhlig tro chruthachalachd agus rannsachadh.
Thuirt Jonathan Angell, Oifigear Foghlaim is Ionnsachaidh na Gàidhlig aig Cùm Alba Bòidheach:
“Tha e air a bhith na thoileachas a bhith ag obair leis a’ bhuidheann seo agus a’ rannsachadh nan ceanglaichean Gàidhlig a tha rim faicinn ann am pàircean air feadh Ghlaschu.
Tha dualchas Gàidhlig làidir aig a’ bhaile agus tha mòran sgeulachdan inntinneach ri innse mun àite a tha aig a’ chànan ann an eachdraidh agus dearbh-aithne Ghlaschu.
Tha mi an dòchas gun còrd an taisbeanadh ri luchd-tadhail agus gun toir e cothrom do dhaoine barrachd ionnsachadh mu na ceanglaichean domhainn eadar a’ Ghàidhlig agus a’ bhaile mhòr.”
Bidh an taisbeanadh fosgailte don phoball aig Ionad Gàidhlig An Lòchran ann am Partaig air 9 Dàmhair eadar 2f agus 8f.
Tha an aonad Cruthachadh Thaisbeanaidhean na phàirt de phrògram Ar Dualchas, Ar n-Àm ri Teachd aig Cùm Alba Bòidheach, a tha a’ toirt taic do choimhearsnachdan ann a bhith a’ rannsachadh agus a’ comharrachadh an dualchais fhèin agus a’ beachdachadh air àm ri teachd nan àiteachan aca ann an co-theacsa atharrachadh na gnàth-shìde.
Tha am prògram ga thoirt gu buil le taic bho Àrainneachd Eachdraidheil Alba agus Maoin Dualchais a’ Chrannchuir Nàiseanta.
Airson tuilleadh fiosrachaidh:
https://www.keepscotlandbeautiful.org/our-heritage-our-future/
We support the