Bùthan-obrach gach seachdain airson Gàidheil ann an Glaschu | Keep Scotland Beautiful Skip to main content
 

Bùthan-obrach gach seachdain airson Gàidheil ann an Glaschu

07 August 2025

Tha sibhse air an cuireadh gu sreath de bhùthan-obrach seachdaineil gus ceangal a dhèanamh ri cùisean àrainneachdail èiginneach. 

Tha an carthannas àrainneachdail Keep Scotland Beautiful a’ cur nan tachartasan air dòigh, a tha gan cumail aig An Lòchran ann an Glaschu. 

Tha seachd tachartasan air an cur air dòigh, a’ gabhail a-steach tachartasan do dh’inbhich agus sgoilearan àrd-sgoile. Thèid an t-sreath a chrìochnachadh le taisbeanadh poblach de na bhidiothan a chruthaich sgoilearan àrd-sgoile. 

Tha na bùthan-obrach air an ruith le sgioba Ar Dualchas, Ar n-Àm ri Teachd, agus air a lìbhrigeadh le Oifigear Foghlaim is Ionnsachaidh na Gàidhlig aig Keep Scotland Beautiful, Jonathan Angell. 

Bidh cuspair eadar-dhealaichte aig gach bùth-obrach ach bidh iad uile ag amas air luchd-labhairt na Gàidhlig a bhrosnachadh gus beachdachadh air dùbhlain àrainneachdail sa chànan aca fhèin, misneachd a thogail ann a bhith a’ cleachdadh na Gàidhlig ann an co-theacsan fìor agus cudromach, ceangal a shoilleireachadh eadar cultar traidiseanta na Gàidhlig agus cùram na h-àrainneachd, agus cruthachalachd òigridh is ceannardas gnàth-shìde a bhrosnachadh tro sgeulachdan didseatach. 

Thuirt Jonathan Angell, Oifigear Foghlaim is Ionnsachaidh na Gàidhlig aig Keep Scotland Beautiful: 

“Tha sinn gu mòr a’ dèanamh fiughair ris na bùthan-obrach seo agus tha sinn an dòchas gum bi luchd-labhairt na Gàidhlig de gach aois an làthair. 

“Tha èiginn gnàth-shìde, sgudail agus nàdair ann an Alba agus tha e deatamach gum bi daoine a tha draghail mu na cùisean sin a’ faireachdainn misneachail agus comhfhurtail a’ bruidhinn mu dheidhinn sa chànan as fheàrr leotha.  

“Tha a’ Ghàidhlig na pàirt chudromach de dhualchas sònraichte na h-Alba agus le bhith ga dìon, tha sinn a’ cuideachadh le bhith a’ cruthachadh àm ri teachd far am bi a’ chànan a’ fàs is a’ soirbheachadh. 

“Tha fios againn gu bheil àireamh luchd-labhairt na Gàidhlig ann an Alba a’ fàs agus tha sinn an dòchas gum bi na bùthan-obrach seo a’ toirt cothrom do dhaoine Gàidhlig a chomharrachadh agus ceangal a thogail eadar a’ chànan agus an àrainneachd againn.” 

Thuirt Dàibhidh MacDheoradhain, Neach-gleidhidh Bòrd Saor-thoileach aig An Lòchran:: “Aig An Lòchran, tha sinn a' cur fàilte air a' chom-pàirteachas seo le Cùm Alba Bòidheach gus barrachd chothroman Gàidhlig a chruthachadh ann an Glaschu. Le bhith a' leasachadh phròiseactan Gàidhlig mu ghnìomh airson na h-àrainneachd, tha sinn a' toirt cothrom do dhaoine an cànan a chleachdadh ann an dòighean brìoghmhor is practaigeach.” 

Thèid na seachd seiseanan a leanas a chumail aig An Lòchran: 

  • 21 An Lùnastal 7f – 9f – Bùth-obrach air atharrachadh gnàth-shìde is dualchas (do luchd-labhairt inbheach) 
  • 28 An Lùnastal 7f – 9f – Bùth-obrach air sgudal (do luchd-labhairt inbheach) 
  • 4 An t-Sultain 7f – 9f – Bùth-obrach air nàdar is Bith-iomadach (do luchd-labhairt inbheach) 
  • 11 An t-Sultain 7f – 9f – Bùth-obrach air ainmean-àite Gàidhlig (do luchd-labhairt inbheach) 
  • 26 & 29 An t-Sultain 9m – 5f – Làithean gnìomhachd do sgoilearan àrd-sgoile gus bhidio a chruthachadh a’ rannsachadh cùisean àrainneachdail 
  • 3 An Dàmhair – Tachartas sgrìonaidh don choimhearsnachd gus guthan na h-òigridh a chomharrachadh agus cumhachd na Gàidhlig ann an sgeulachdan àrainneachdail a shoilleireachadh 

Tadhal air https://www.eventbrite.co.uk/e/buthan-obrach-gaidhlig-air-dualchas-agus-arainneachd-ann-an-glaschu-tickets-1500470059339?aff=oddtdtcreator airson barrachd fiosrachaidh agus gus clàradh airson nan tachartasan. 

Faodaidh sgoilearan àrd-sgoile le ùidh clàradh airson nan tachartasan air 26 agus 29 An t-Sultain an seo:https://www.eventbrite.co.uk/e/proiseact-bhidio-airson-oigiridh-youth-video-project-in-gaelic-tickets-1543991111979?aff=oddtdtcreator 

Tha, Ar Dualchas, Ar n-Àm ri Teachd, agus na bùthan-obrach seo air an toirt gu buil le taic bho Àrainneachd Eachdraidheil Alba agus Maoin Dualchais a’ Chrannchuir Nàiseanta, le taing do chluicheadairean a’ Chrannchuir Nàiseanta. 

We support the