Sgilean dualchas agus gnàth-shìde
Sgilean dualchas agus gnàth-shìde
"S e àrainneachd ar n-eachdraidh aon de na maoinean as luachmhoire a th’ againn. Tha i a’ cur ri ar n‑eaconamaidh, ri ar n‑aithne chultarail agus ri ar faireachdainn de dh'àite. Gun ise, cha bhiodh Alba mar a tha i an-diugh.
Tha barrachd air 60,000 obraichean – 2.5% de dh’iomlan luchd-obrach na h-Alba – air taic fhaighinn leis an àrainneachd eachdraidheil againn. Tha i a’ cur £2.3 billean ris an Gross Value Added (GVA) naiseanta. Tha turasachd cudromach, gu dearbh, ach tha obraichean, cothroman-obrach agus gnìomhachasan fon cùram aca cuideachd." - Àrainneachd Eachdraidheil na h-Alba.
Tha an sgioba Ar Dualchas, Ar n-Àm ri Teachd a’ tuigsinn cho cudromach ’s a tha dualchas na h‑Alba agus cho riatanach ’s a tha e taic a thoirt do bhuidhnean coimhearsnachd gus an dualchas ionadail aca a rannsachadh, a chlàradh agus a dhìon.
Trèanadh Sgilean Dualchais is Gnàth-shìde
àite fhèin. Chan fheum fòcas dualchais a bhith aig ur buidheann mu thràth gus pàirt a ghabhail.
Cò dha a tha seo?
Buidhnean coimhearsnachd aig a bheil ùidh ann a bhith a’ rannsachadh, a’ clàradh agus a’ dìon dualchas an àite fhèin. Chan fheum fòcas dualchais a bhith aig ur buidheann mu thràth gus pàirt a ghabhail.
Dè tha an lùib seo?
Toisich le bhith a’ cur paragraf thugainn ag innse carson a tha sibh feumach air plana dualchais is gnìomh airson na gnàth-shìde anns an sgìre agaibh. Seo an seoladh puist-d againn: .communities@keepscotlandbeautiful.org. Bheir sinn sùil air, agus cuiridh sinn fios air ais thugaibh gus comhradh a dhèanamh mun phlana-gnìomha a dh’fhaodadh a bhith freagarrach dhuibh.
'S e seirbhis SAOR AN ASGAIDH a tha seo le taic bho Àrainneachd Eachraidheil na h-Alba agus A' Chuirm-mhaoineachaidh Nàiseanta, le taing do na cluicheadairean.
Tha sinn a’ tabhann raon de sheirbheisean dualchais, a dh’fhaodas a bhith nam pàirt de Phlana-gnìomha mu choinneamh Gnàth‑shìde airson Dualchas na Coimhearsnachd agaibh agus a bhrosnaicheas com‑pàirteachadh na coimhearsnachd nas fharsainge. Gheibhear an làn‑chlàr de na seirbheisean dualchais againn air duilleag‑lìn Ar Dualchas Ar n-Àm ri Teachd.
We support the