Summerhill Community Centre, Dùn Phris
Summerhill Community Centre, Dùn Phris
Tha Summerhill Community Centre, Dùn Phris na charthannas ann an Dùn Phris, le dealas a thaobh ionnsachadh agus leasachadh coimhearsnachd gus faochadh a thoirt do bhochdainn airson daoine de gach aois. Tha cothroman a’ gabhail a-steach leasachadh pearsanta ann am foghlam, cur-seachadan, spòrs, slàinte is sunnd, cruinneachaidhean sòisealta agus gnìomhan àrainneachdail.
Choinnich sinn ris an ionad an toiseach tro dh’iomairt It's Your Neighbourhood a tha mar phàirt de Climate Nature Friendly Communities Network. Bha saor-thoilich trang ag atharrachadh pìos fearainn ri taobh an ionaid gu bhith na ghàrradh coimhearsnachd. Le creideamh làidir ann an “gràdhaich an t-àite sa bheil thu a’ fuireach”, thionndaidh iad an aire gu bhith a’ comharrachadh an dualchais ann an Dùn Phris le bhith a’ tighinn còmhla ris an sgioba Ar Dualchas, Ar n-Àm ri Teachd.
Rè samhradh 2025, chuir sinn air dòigh bhùthan-obrach “Innis dhuinn mu d’ dhualchas” gus dualchas togta, cultarach agus nàdarra ann an Dùn Phris a rannsachadh. Bha e na chothrom air leth do bhuill a’ phobaill agus buidhnean coimhearsnachd innse dhuinn dè an dualchas ann an Dùn Phris a tha cudromach dhaibh, agus mar as urrainn dhuinn taic a thoirt san àm ri teachd gus na rudan sònraichte a tha aig Dùn Phris a shoilleireachadh. Bha sinn air ar dòigh a bhith ag obair còmhla ri buidhnean dualchais a bha ann mu thràth, nam measg: The People's Project, Dumfries Museum, The Medieval Bruce Heritage Trust, Shambellie House, agus SCAMP - Landscape Connections.
Na h-ath-cheumannan......
Bidh sinn a’ leantainn oirnn ag obair leis an ionad gus dualchas ann an Dùn Phris a rannsachadh, a chlàradh agus a dhìon, tro bhith a’ toirt seachad an trèanadh againn air Buaidhean Atharrachadh na Gnàth-shìde air Dualchas agus le bhith a' cruthachadh Plana-gnìomha sa choimhearsnachd airson dualchas is gnàth-shìde.
We support the