Skip to main content
 

Dualchas agus Gnìomh airson na Gnàth-shìde ann an Sgoiltean

Dualchas agus Gnìomh airson na Gnàth-shìde ann an Sgoiltean

Mar phàirt de Ar Dualchas, Ar n‑Àm ri Teachd, tha sinn air Cuspair Dualchais ùr a leasachadh airson Èiceo-sgoiltean a bheir stiùireadh do dhaoine òga mu bhuaidh atharrachadh na gnàth‑shìde air ar dualchas togte, cultarach agus nàdarra.

 

Tha an cuspair a‑nis beò, agus faodaidh sgoiltean Dualchas a thaghadh airson an Duais Bratach Uaine aca.

Thoir sùil air a’ mhion‑leasan beò gu h‑ìosal gus barrachd ionnsachadh, no thoir sùil air ar Cuspair Dualchas.

Cuspair Dualchais

Seiseanan san fheasgar

’S urrainn dhuinn seiseanan feasgair SAOR AN‑ASGAIDH a thabhann air feadh na h-Alba gus taic a thoirt do luchd‑foghlaim gus dualchas togte, cultarach agus nàdarra a thoirt a-steach don churraicealam, agus gus Cuspair Dualchais a lìbhrigeadh agus a chur an gnìomh.

Naidheachdan

Thoir sùil air na sgeulachdan againn bho air feadh na h‑Alba, agus sinn ag obair le sgoiltean gus an dualchas togte, cultarach agus nàdarra aca a chomharrachadh.

Sgoiltean a’ comharrachadh pìleat den chuspair dualchais

Tha pìleat de Chuspair Dualchais ùr airson Èiceo-sgoiltean Alba air tighinn gu co‑dhùnadh soirbheachail, agus mar thoradh air sin chaidh goireasan ùra a chruthachadh gus taic a thoirt do luchd‑foghlaim, clann agus daoine òga barrachd ionnsachadh mu dhualchas nan coimhearsnachdan aca agus mu na daoine a tha a’ fuireach annta.

Barrachd fiosrachaidh (Beurla)

Keep updated

We support the