Ag Innse Sgeulachdan Dualchais I Sharing Heritage Stories
Tha sgeulachdan luachmhor aig gach coimhearsnachd ri innse. Mar phàirt den aonad trèanaidh bharantaichte Ag Innse Sgeulachdan Dualchais, a chaidh a lìbhrigeadh tro mheadhan na Gàidhlig, leasaich com-pàirtichean na sgilean agus a’ mhisneachd a bha a dhìth orra gus dualchas ionadail a rannsachadh agus sgeulachdan falaichte a thoirt am follais. Tro chruthachalachd agus co-obrachadh, lorg iad dòighean ùra gus daoine a cheangal ri dualchas na h-Alba. Tha an duilleag seo a’ taisbeanadh nan gnìomhan agus nan sgeulachdan a thàinig às an aonad.
Every community has stories worth sharing. As part of the accredited Sharing Heritage Stories training unit, delivered through the medium of Gaelic, participants developed the skills and confidence to explore local heritage and bring hidden stories to life. Through creativity and collaboration, they discovered new ways to connect people with Scotland's heritage. This page showcases the activities and stories that emerged from the unit.



Thar ceithir seiseanan, rannsaich na com-pàirtichean cuspair dualchais a thagh iad fhèin, leasaich iad sgilean rannsachaidh, thadhail iad air làraichean dualchais ri taobh na h-Abhainn Chluaidh, agus chruthaich iad pìos obrach stèidhichte air an rannsachadh aca. Air an t-slighe, dh’ionnsaich iad mar a lorgas iad goireasan earbsach, mar a chumas iad clàr rannsachaidh, agus mar a roinneas iad sgeulachdan dualchais ann an dòigh chruthachail agus inntinneach.
Over four sessions, participants explored a heritage topic of their choice, developed research skills, visited local heritage sites along the Clyde, and created a final piece based on their findings. Along the way, they learned how to find reliable sources, record their research, and share heritage stories in an engaging and creative way.


Tha an dà phìos dualchais a chruthaich na com-pàirtichean a’ rannsachadh diofar thaobhan de dhualchas Gàidhlig Ghlaschu. Tha aon dhiubh ag amas air na daoine, na traidiseanan, an ceòl agus na tachartasan cultarach a chuidich le bhith a’ cumadh beatha Ghàidhlig sa bhaile, agus tha am fear eile a’ leantainn sgeulachdan dhaoine ainmeil Gàidhlig a bha ceangailte ri ceann a deas Ghlaschu tro shlighe dualchais. Còmhla, tha iad a’ sealltainn cho beairteach agus cho eadar-mheasgte ’s a tha na chuir coimhearsnachdan Gàidhlig ri eachdraidh agus cultar Ghlaschu.
The two heritage pieces created by participants explore different aspects of Glasgow’s Gaelic heritage. One focuses on the people, traditions, music, and cultural events that have helped shape Gaelic life in the city, while the other traces the stories of notable Gaelic figures connected to Glasgow’s south side through a heritage trail. Together, they highlight the rich and varied contributions of Gaelic communities to the history and culture of Glasgow.



Mìle taing a-rithist airson a' cùrsa seo - chòrd e rium glan!
Mark
Chòrd na clasaichean seo rium gu mór!
Stephanie
Tapadh leibh dhan a h-uile duine a ghabh pàirt sa phrògram trèanaidh Ag Innse Sgeulachdan Dualchais, do Mhoira, Oifigear Coimhearsnachd aig An Lòchran, agus gu dearbh do An Lòchran fhèin. Chuidich sibh le bhith a’ lorg agus a’ roinn sgeulachdan dualchais cudromach.
Thank you to everyone who took part in the Sharing Heritage Stories training programme, to Moira, Community Engagement Officer at An Lòchran, and of course to An Lòchran itself. You have helped share important heritage stories that might otherwise have remained unnoticed.
Ma chòrd na rinn na com-pairtichean ribh, carson nach gabh sibh pàirt san aonad: A' Cruthachadh Thaisbeanaidhean. Ionnsaichidh sibh mar a thionndaidheas sibh rannsachadh agus sgeulachdan gu taisbeanaidhean tarraingeach agus goireasan dualchais a ghabhas a roinn leis a' phoball.
If you enjoyed the heritage stories, why not explore our Creating Exhibitions & Displays unit. You'll learn how to transform research and stories into engaging exhibitions and public heritage experiences that can be shared with wider audiences.
Na luchd-maoin againn / Our funders
Tha Ar Dualchas, Ar n-Àm ri Teachd comasach le taic bho Àrainneachd Eachdraidheil Alba agus Maoin Dualchais a’ Chrannchuir Nàiseanta, le taing do chluicheadairean na Crannchuir Nàiseanta.
Our Heritage, Our Future is made possible with Historic Environment Scotland and The National Lottery Heritage Fund, with thanks to National Lottery players.
We support the

