Bùth-obrach foghlaim mu ghnàth-shìde rè Seachdain na Gàidhlig aig Taobh na Pàirce
25 February 2026
Chuir Bun‑sgoil Ghàidhlig Dhùn Èideann fàilte air Ceit Fhoirbeis, Leas‑Phrìomh Mhinistear na h‑Alba agus Rùnaire a’ Chaibineit airson Eaconamaidh agus na Gàidhlig, gu bùth‑obrach atharrachadh gnàth‑shìde air a lìbhrigeadh le Cùm Alba Bòidheach air 25 Gearran mar phàirt de Sheachdain na Gàidhlig.
Choinnich a’ Bh-uas Fhoirbeis ri sgoilearan is luchd‑obrach aig Taobh na Pàirce, Bun‑sgoil Ghàidhlig Dhùn Èideann, gus barrachd ionnsachadh mu atharrachadh na gnàth‑shìde agus mu phrògram Sgoiltean: Gnìomh airson na Gnàth‑shìde, a tha air a lìbhrigeadh air feadh na h‑Alba ann an Gàidhlig agus ann am Beurla.
Thuirt Leas‑Phrìomh Mhinistear Ceit Fhoirbeis: "’S fhiach an dà chuid a’ Ghàidhlig agus an àrainneachd a dhìon, agus tha e mìorbhaileach an dà rud air an toirt còmhla an seo aig Taobh na Pàirce.”
"Tha na sgoilearan a choinnich mi an-diugh ag ionnsachadh mu atharrachadh na gnàth‑shìde tron Ghàidhlig – agus tha sin ag innse dhuibh mu dheidhinn àm ri teachd na cànain. Chan eil a’ Ghàidhlig dìreach beò sa choimhearsnachdan agus sa chultar; tha i beò anns na seòmraichean‑teagaisg againn.”
“’S e Seachdain na Gàidhlig an t‑àm foirfe airson seo a chomharrachadh.”
A bharrachd air a’ bhùth‑obrach mu ghnàth‑shìde, tha Cùm Alba Bòidheach a’ ruith prògram a bheir cothrom do sgoilearan rannsachadh a dhèanamh agus aithris a thoirt air mar a thathar a’ cleachdadh na Gàidhlig anns an sgìre aca fhèin, ceangailte ri cuspair Sheachdain na Gàidhlig: “Cleachd i no caill i”.
Tha am buidheann‑charthannais cuideachd air Iris do Luchd‑ionnsachaidh fhoillseachadh, cruinneachadh de sgeulachdan bho dhaoine de gach aois le dìorras airson na cànain.
Thuirt Barry Fisher, Àrd‑Stiùiriche Cùm Alba Bòidheach: “Tha Seachdain na Gàidhlig na chothrom air leth dhuinne an cànan a chleachdadh agus a chomharrachadh, oir tha e freumhaichte nar cultar agus nar dualchas.
“Tha mi air leth toilichte gun robh an Leas‑Phrìomh Mhinistear Ceit Fhoirbeis comasach a thighinn còmhla rinn agus Clas 6 aig Taobh na Pàirce gus eòlas fhaighinn air a’ bhùth‑obrach gnàth‑shìde a tha sinn a’ lìbhrigeadh sa Ghàidhlig mar phàirt de ar prògram Sgoiltean: Gnìomh airson na Gnàth‑shìde. Faodar na bùthan‑obrach againn a lìbhrigeadh sa Ghàidhlig dhaibhsan a tha fileanta agus sa Bheurla airson Gàidhlig a thoirt a-steach do luchd‑ionnsachaidh, agus tha sinn air còrr is 1,000 sgoilear a ruigsinn tro 42 bùthan‑obrach am-bliadhna.”
Thuirt Laura Stiùbhart, Ceannard na sgoile aig Taobh na Pàirce: “Bha sinn toilichte fàilte a chur air an Leas‑Phrìomh Mhinistear Ceit Fhoirbeis dhan sgoil againn mar phàirt de Sheachdain na Gàidhlig.”
“Fhuair ar luchd‑ionnsachaidh C6 mòran bhuannachd bho na bùthan‑obrach mu atharrachadh na gnàth‑shìde air an lìbhrigeadh le Cùm Alba Bòidheach, a thug dòighean tarraingeach agus practaigeach do chloinn gus seasmhachd a thuigsinn agus gnìomh adhartach a dhèanamh mu atharrachadh na gnàth‑shìde.
“Le bhith a’ toirt nam bùthan‑obrach seo còmhla ri cruinneachadh sònraichte gus comharrachadh a dhèanamh, chaidh cuideam a chur air cho cudromach ’s a tha e Gàidhlig agus cultar na Gàidhlig a fhighe a-steach thar gach raon ionnsachaidh.”
Tha Cùm Alba Bòidheach air a bhith comasach air an obair aca le tairgse ionnsachaidh ùr-ghnàthach tron Ghàidhlig a leudachadh agus a lìbhrigeadh taing do mhaoineachadh bho Roinn na Gàidhlig is na h‑Albais aig Riaghaltas na h‑Alba.
We support the