Skip to main content
 

A’ cur air bhog: Iris do Luchd-ionnsachaidh gus Gàidhlig a bhrosnachadh

24 February 2026

Tha iris seo gu bhith air fhoillseachadh gus Seachdain na Gàidhlig a chomharrachadh. 

Tha am buidheann airson àrainneachd na h-Alba, Keep Scotland Beautiful a’ comharrachadh na seachdaine, a bhios a’ tòiseachadh air 24 an Gearran, le sgaoileadh Iris do Luchd-ionnsachaidh. 

Tha an iris na cruinneachadh de sgeulachdan is bheachdan le inbhich air feadh an tsaoghail a tha ag ionnsachadh na Gàidhlig agus aig a bheil gaol air a’ chànan. 

Chaidh stuth a thoirt seachad le daoine de gach aois bho air feadh an tsaoghail, a’ gabhail a-steach an Rìoghachd Aonaichte, Canada, na Stàitean Aonaichte, Malta, Cìopras agus Iapan. Tha iad a’ sealltainn fìor dhealas don chànan, agus tha an iris seo a’ sealltainn mar a tha an ceangal sin air a chur an cèill thar iomadh àite. 

Tha cur air bhog na hiris air a thoirt seachad le taic bho Ar Dualchas, ar n-Àm ri Teachd aig Keep Scotland Beautiful, agus tha e a’ leantainn air adhart leis an obair a tha a’ bhuidheann a’ dèanamh gus a’ Ghàidhlig a bhrosnachadh mar phrìomh phàirt de dh’dualchas cultarach na hAlba. Thachair grunn tachartasan roimhe aig An Lòchran ann an Glaschu, far am bi an iris air a chur air bhog. 

Thuirt Jonathan Angell, Oifigear Foghlaim is Ionnsachaidh na Gàidhlig aig Keep Scotland Beautiful: “Tha sealladh sònraichte, freumhaichte ann an cultar is dualchas, aig a’ Ghàidhlig air mar a choimheadas sinn air an tsaoghal. Gus a’ Ghaidhlig a chur gu feum gach latha agus a neartachadh san àm ri teachd, feumaidh sinn cothroman ùr a lorg agus a thoirt a-steach.  

“Tha an iris seo a’ toirt àrdùrlar do ùrlar do luchdionnsachaidh na Gàidhlig gus na beachdan, ìomhaighean agus an obair fhèin aca a ghlèidheadh, agus a’ fosgladh slighe dhan fheadhainn air feadh an tsaoghailsaoghail aig a bheil ùidh san chànan gus tlachd a ghabhail às. 

“Tha Seachdain na Gàidhlig na chuimhneachan làidir air an cumadh-inntinn agus an lùth a th’ aig mòran a bhios a’ brosnachadh na Gàidhlig sna coimhearsnachdan aca. Tha e nar làmhan dèanamh cinnteach gum bi an cànan luachmhor seo beò agus beòthail ann an Alba agus, nas fharsainge. Tha an cuspair ambliadhna - ‘cleachd i no caill i’ - gu math iomchaidh, agus tha sinn an dòchas gun cuir an iris seo misneachd agus brosnachadh ùr ann an sgrìobhadairean, leughadairean agus luchdlabhairt gus leantainn orra a’ comharrachadh na Gàidhlig bho àitichean air feadh an t-saoghail.”bliadhna labhairt gus leantainn orra a’ comharrachadh na Gàidhlig 

Isla Parker, Oifigear na Gàidhlig, Oilthigh Dhùn Èideann: “Bha sinn air leth toilichte gus obrachadh còmhla ri Keep Scotland Beautiful air a' phròiseact seo. Le clasaichean is goireasan air loidhne, tha e comasach a-nis Gàidhlig ionnsachadh ge bith càit a bheil sibh. Tha sinn an dòchas gum bi an Iris do Luchd-ionnsachaidh na h-adhbhar brosnachaidh do dhaoine a tha ag ionnsachadh a' chànain air feadh an t-saoghail.” 

Thuirt Moira Piazzoli, Oifigear Coimhearsnachd aig An Lòchran: “Tha an Lòchran toilichte fàilte bhlàth a chur air Keep Scotland Beautiful is iad a' cur air bhog an Iris do Luchd-Ionnsachaidh. Tha an iris làn gaoil don chànain agus tha sinn an dòchas gun toir i brosnachadh dhan fheadhainn a nì oidhirp gus a' Ghàidhlig a chleachdadh is a thogail nam beathannan.” 

Tha Ar Dualchas, Ar n-Àm ri Teachd agus an iris seo fhèin, air an dèanamh comasach le maoineachadh bho Arainneachd Eachdraidheil na h-Alba agus Maoin Dualchais a’ Chrannchur Nàiseanta, le taing shònraichte do luchdcluiche a’ Chrannchuir Nàiseanta. 

Leugh an iris an-seo: https://www.keepscotlandbeautiful.org/gaidhlig-gaelic/gaidhlig-sa-choimhearsnachd-i-gaelic-in-the-community/ 

We support the