Goireasan Leasain - Ainmean-àite Gàidhlig | Keep Scotland Beautiful Skip to main content
 

Goireasan Leasain - Ainmean-àite Gàidhlig

Goireasan Leasain - Ainmean-àite Gàidhlig

Goireasan leasain airson bhun-sgoiltean air feadh Alba, far an urrainn sgoilearan a’ rannsachadh na Gàidhlig tro bhith a’ sgrùdadh ainmean-àite Gàidhlig mun cuairt orra agus a’ dealbhadh mhapaichean stèidhichte air an dualchas ionadail, na h-àiteachan agus na h-ainmean Gàidhlig aca.

Stùireadh

Le taic bho thidsearan, bidh sgoilearan air an cuideachadh gus ainmean cruthachail Gàidhlig a chruthachadh airson bhailtean, àiteachan, agus feartan nàdarra, a’ togail brosnachaidh bho liosta de fhaclan Gàidhlig agus mapa na sgìre aca, far a bheil ainmean-àite mar 'Loch na Beiste' no 'Eilean nan Ròn,' a tha na samhlaidhean math airson na tìre. Sgrìobhaidh na sgoilearan na h-ainmean seo air mapa a chruthaich iad fhèin. Bidh an gnìomh seo a’ cuideachadh le cruthachalachd, obair-sgioba, agus tuigse nas fheàrr air cànan agus cultar na Gàidhlig. Gu h-ìosal, gheibh sibh PDF le barrachd fiosrachaidh a chuidicheas na sgoilearan.

Stiùireadh do Luchd-teagaisg

Goireasan:

Gu h-ìosal lorgaidh sibh goireasan eile, leithid mapaichean de sgìrean ann an Alba le eisimpleirean de dh’ainmean-àite Gàidhlig agus am mìneachadh aca, briathrachan de fhaclan feumail as urrainn sgoilearan a chleachdadh, eisimpleir den mhapa fhèin air a lìonadh le ainmean-àite Gàidhlig le dealbhan ceangailte riutha agus, duilleag as urrainn do sgoilearan a chleachdadh ma tha iad ag iarraidh. 

Duilleag airson Sgoilearan

Briathrachan

Mapaichean: 

Keep updated

We support the