Skip to main content
 

Ionad Gàidhlig Dhùn Èideann

Ionad Gàidhlig Dhùn Èideann

Chaidh ar n-Oifigear Foghlaim is Ionnsachaidh na Gàidhlig, Jonathan, gu Dùn Èideann gus bùthan-obrach a lìbhrigeadh – aon fhear air Ceanglaichean Nàdair agus fear eile air a bhith a' cruthachadh bhideothan goirid sa Ghàidhlig air cuspair Cùm Alba Bòidheach. Tro ghnìomhan eadar-ghnìomhach agus obair chruthachail, fhuair com-pàirtichean sealladh nas doimhne air mar a bhios diofar phàirtean de nàdar ag obair còmhla agus, san fheasgar, air sgilean filmidh, cleasachaidh agus deasachaidh.

 

Seo cuid de na bhidiothan goirid a chaidh a chruthachadh rè nam bùthan-obrach. Le cruthachalachd, co-obrachadh agus sgilean ùra ann am filmeadh is deasachadh, rinn na com-pàirtichean sgrùdadh air nàdar, sgudal, atharrachadh na gnàth-shìde agus air cho cudromach ’s a tha e Alba a chumail bòidheach. Tha na bhidiothan a’ sealltainn nam beachdan, nan guthan agus nan dòighean-obrach aca fhèin, uile tro mheadhan na Gàidhlig.

 

 

Ant agus Dec

Le Malcom, Phin agus Kit (Na Heroic h-Isbeanan)

A' Siubhal le Sgudal

Le Hector, Hiúdaí agus Henry (Alba h-Onarach)

A' Glèidheadh ar n-Àrainneachd bhon Chlas

Le Eve, Laoise agus Esme (Deiseil is Deònach is gu math Neònach)

Tha na filmichean goirid seo a’ sealltainn mar a rinn na com-pàirtichean sgrùdadh air cuspairean co-cheangailte ri àrainneachd na h‑Alba tro mheadhan na Gàidhlig. Le sgeulachdan agus bhidio, roinn iad beachdan mu bhith a’ cumail àiteachan brèagha, seasmhach agus luachmhor taobh a-staigh na coimhearsnachd aca. Tha na filmichean a’ nochdadh an dà chuid an cruthachalachd a chaidh a leasachadh rè a’ bhùth‑obrach agus neart na Gàidhlig mar chànan beò airson bruidhinn air uallach àrainneachdail agus gnìomh ionadail.

Dealbhan eile:

Keep updated

We support the