Tachartasan Dualchais is Gnàth-shìde
Tachartasan Dualchais is Gnàth-shìde
Tha ar prògram de thachartasan is bùthan‑obrach a’ cuideachadh dhaoine gus ionnsachadh mu dheidhinn agus a bhith an sàs ann an àrainneachdan eachdraidheil air feadh na h‑Alba. Ma tha sibh, mar bhuidheann coimhearsnachd, ag iarraidh barrachd fhaiginn a-much mu dhualchas togte, cultarach is nàdarra na sgìre agaibh, cuiribh fios thugainn aig: communities@keepscotlandbeautiful.org
Tachartasan san àm ri teachd
Tachartasan ri thighinn a dh’aithghearr
Tachartasan san àm a dh'fhalbh
Seiseanan Samhraidh - Ar Dualchas, Ar n‑Àm ri Teachd
Ruith sgioba Ar Dualchas, Ar n‑Àm ri Teachd seiseanan seachdaineil tron t‑samhradh còmhla ri Ionad Coimhearsnachd Summerhill gus barrachd ionnsachadh mu dhualchas Dhùn Phris agus gus gnìomhan spòrsail a thabhann. Chòrd e rinn gu mòr a bhith a’ cluinntinn dè bha dualchas Dhùn Phris a’ ciallachadh do dhaoine ionadail.
Bha na seiseanan uile SAOR AN‑ASGAIDH, agus chaidh an cumail eadar 11m agus 1f gach Diciadain. Bha na leanas nam pàirt de na seiseanan:
- A’ rannsachadh dè tha dualchas a’ ciallachadh dhut fhèin
- A’ rannsachadh dualchas togte Dhùn Phris
- A’ rannsachadh dualchas cultarach Dhùn Phris
- A’ rannsachadh dualchas nàdarra Dhùn Phris
- Cruthaich rudan agad fhèin gus dualchas Dhùn Phris a thaisbeanadh
We support the