Skip to main content
 

Fountainbridge Canalside Community Trust

Fountainbridge Canalside Community Trust

 

Chaidh Fountainbridge Canalside Community Trust (FCCT) a stèidheachadh ann an 2021 le bhith a’ cothlamadh Re-Union Canal Boats agus Fountainbridge Canalside Initiative.

Tha an t-Urras ag obair còmhla ri feadhainn eile gus pròiseactan ùra a chruthachadh agus a stiùireadh. Tha e a’ toirt taic agus a’ neartachadh cothroman airson gnìomhachd eaconamach, àrainneachdail agus chultarach a tha cuideachail don choimhearsnachd, agus a’ brosnachadh ion-ghabhaltas, seasmhachd agus sunnd. Tha na gnìomhan a’ gabhail a-steach saor-thoilich, Buidheann Àrainneachd Taobh a’ Chanàil, cuairtean slàinte, tachartasan coimhearsnachd agus pròiseactan dualchais.

B’ e Fountainbridge Canalside Community Trust a’ chiad bhuidheann a chrìochnaich am pròiseas Plana Dualchais is Gnìomh Gnàth-shÌde Coimhearsnachd còmhla rinn ann an 2024.
Tro shreath de bhùthan-obrach, bhruidhinn sinn mu dhualchas a bha luachmhor don choimhearsnachd; roinn sinn sgeulachdan; agus rinn sinn sgrùdadh air buaidhean atharrachadh na gnàth-shìde air dualchas. Chaidh an t-Sean-chanàl Aonaidh, a tha 200 bliadhna a dh’aois agus a’ ruith tron sgìre, aithneachadh mar phrìomh àite ann an dualchas Fountainbridge.

Fountainbridge Canalside Community Trust
Fountainbridge Canalside Community Trust

 

A’ cleachdadh an Inneil Inbhe Àite: lionsa an Àite Eachdraidheil aca, smaoinich a’ choimhearsnachd air na rudan a tha a’ còrdadh riutha mun àite aca agus na cothroman a chì iad gus dèiligeadh ri atharrachadh na gnàth-shìde agus dìon an dualchais a tha iad a’ cur luach air. Tha an t-Urras a-nis ag obair le raon farsaing de luchd-ùidh a chaidh a chomharrachadh sa phlana gus tòiseachadh air na gnìomhan sa phlana aca a lìbhrigeadh.

 

Fountainbridge Canalside Community Trust
Fountainbridge Canalside Community Trust

Keep updated

We support the