Luchd-aithris Òga: Gàidhlig sa Choimhearsnachd
Luchd-aithris Òga: Gàidhlig sa Choimhearsnachd
Tha sinn a’ toirt cuireadh do sgoilearan àrd-sgoile agus C4-7 sa bhun-sgoil a bhith nan luchd-aithris Gàidhlig, a’ rannsachadh mar a thathar a’ cleachdadh na Gàidhlig anns a’ choimhearsnachd aca agus a’ cruthachadh susbaint chruthachail a tha a’ riochdachadh na Gàidhlig san sgìre far a bheil iad a’ fuireach.
Le taic bho thidsearan, faodaidh sgoilearan rannsachadh a dhèanamh san sgìre ionadail aca gus faighinn a-mach càite a bheil Gàidhlig ga bruidhinn agus ga cleachdadh. Faodaidh an rannsachadh seo a bhith air a chur ri chèile ann an cruth dealbh le tuairisgeul, bhidio no alt. A thaobh dhòighean gus dàta a chruinneachadh, faodaidh sgoilearan rannsachadh a dhèanamh air an eadar-lìon, puist-d a chur, agus agallamhan a dhèanamh sa choimhearsnachd ionadail aca. Bidh an alt no am bhidio seo ceangailte riutha fhèin, a’ sealltainn an cruthachalachd, obair-sgioba agus tuigse den chànan Ghàidhlig san sgìre ionadail aca.
Gu h-ìosal gheibh sibh PDF le stiùireadh soilleir air na ceumannan gus pàirt a ghabhail.
Goireasan:
Gu h-ìosal, gheibh sibh goireasan a bharrachd gus ur cuideachadh le rannsachadh agus le bhith a’ lorg Gàidhlig san sgìre agaibh. ’S urrainn dhuibh cuideachd an pìos sgrìobhte, dealbh no am bhidio agad a chur a-steach do cho-fharpais Luchd-aithris Òga airson na h-Àrainneachd, agus am bhidio agad a chur a-steach do cho-fharpais FilmG.
Eisimpleirean agus Teamplaid:
- Eisimpleir de dh’Agallamh agus Pìos Sgìobhte
- Eisimpleir de Phìos Sgrìobhte gun Agallamh
- Teamplaid Rannsachaidh airson an Lìonadh (chan eil seo riatanach)
- Eisimpleir de Bhòrd-sgeòil airson Bhidio
- Eisimpleir de dh’Inntrigeadh Dealbh
Goireasan eile:
- Mapa de dh'Ionadan Gàidhlig ann an Alba
- Luchd-aithris Òga airson na h-Àrainneachd
- FilmG: Farpais Filmichean Goirid airson co-obrachadh
- Faclair LearnGaelic airson fuaimneachadh ceart
We support the