Skip to main content
 

Seachdain Glanadh an Earraich 2026

Seachdain Glanadh an Earraich 2026

Leasan beò eadar-ghnìomhach le goireasan, a bhrosnaicheas thusa agus do sgoilearan gus pàirt a ghabhail san iomairt bhliadhnail againn, Glanadh an Earraich ann an Alba! Gabh pàirt nar sabaid an-aghaidh sgudail!

Farpais na Seachdaine: Tog sgudail còmhla

Am‑bliadhna tha sinn a’ toirt cuireadh do sgoiltean agus sgoiltean-àraich bho air feadh na dùthcha gus an urrainn iad ag obair còmhla gus glanadh an earraich a dhèanamh. Cuir air dòigh uimhir de thogail‑sgudail anns a’ Mhàrt, agus cuir a-steach cia mheud pìos sgudail a chruinnicheas sibh airson a dhol a-steach don tarraing‑duais againn.

Is ann dìreach le bhith ag obair còmhla as urrainn dhuinn a’ bhuaidh as motha a thoirt gu buil!

Thèid mion‑fhiosrachadh slàn mun cho‑fharpais agus mu na duaisean fhoillseachadh an seo ro chinn‑latha nan Leasanan Beò. Thèid an stiùireadh airson na gnìomhachd seo a thoirt seachad sa Bheurla.

 

Leasan beò

Anns an Leasan Bheò am‑bliadhna, bheir sinn sùil air cùis sgudal aodaich ann an Alba agus air feadh an t‑saoghail. Rannsaichidh sinn cuid de na h‑adhbharan a tha a’ ciallachadh gu bheil uimhir de sgudal aodaich ga chur gu buil, agus coimheadaidh sinn air cuid de na fuasglaidhean, a’ gabhail a-steach mar as urrainn dhuinn barrachd luach a chur air ar n‑aodach agus cùram nas fheàrr a ghabhail dhiubh.

Spring Clean Week P4-S2 Gaelic Live Lesson recording

Às dèidh an leasain, thèid cuireadh a thoirt do sgoilearan gus sgudal a thogail (barrachd fiosrachaidh gu h-àrd) cuideachd, tha barrachd ghoireasan againn:

Gnìomh 1: Dè mu dheidhinn iomlaid: Tha sinn a’ toirt cuireadh do sgoilearan tachartas iomlaid a phlanadh san sgoil aca: Luchdaich a-nuas an goireas.

Gnìomh 2: Pròiseact Suas-chuairtich: ’S e sreath de ghnìomhan a tha seo, air an dealbhadh le Futures Institute aig Dollar Academy, gus cuideachadh le bhith a’ tuigsinn barrachd mu bhuaidhean àrainneachdail agus gus an cothrom a thoirt do sgoilearan pròiseact ath‑chuairteachaidh aca fhèin a chruthachadh. Tha cothroman ann sgilean ann an càradh agus cruthachalachd ionnsachadh. Tadhail air duilleag a’ ghoireis  (thoir an aire gum feum thu log a-steach a chruthachadh gus an goireas seo a chleachdadh, gus an urrainnear teisteanas a thoirt seachad aon uair ’s gu bheil e deiseil - lean an stiùireadh air duilleag a’ ghoireis gus an logadh a-steach agad a chruthachadh).

Cruinneachadh

Cruinneachadh air a lìbhrigeadh sa Bheurla, far am bi sinn a’ tilleadh gu na dh’ionnsaich sinn an t‑seachdain seo, a’ gabhail pàirt ann am farpais-cheist mu sgudal agus na thèid a chur air falbh, agus a’ foillseachadh buannaichean ar Farpais Togail‑sgudail!

Spring Clean Week 2026 Assembly recording in Gaelic

Leasanan Beò agus Èiceo-sgoiltean

Na dìochuimhnich gum faodar pàirt a ghabhail ann an gin de na Leasanan Beò againn agus na gnìomhan ceangailte riutha a chunntadh a dh’ionnsaigh Duais Bratach Uaine bho Èiceo-sgoiltean Alba.

An do chòrd na leasanan seo riut?

An uairsin tadhal air an duilleag-dachaigh againn gus faicinn dè tha ri thighinn agus clàraich airson a dhol a-steach.

Leasanan den aon choltas

Seachdain Nàdar na h-Alba 2025

Thigibh còmhla rinn airson seachdain de Leasanan Beò inntinneach mu ar saoghal nàdarra iongantach.

Join us for a week of exciting Live Lessons all about our amazing natural world.

Coimhead a-rithist (Watch again)
Seachdain Glanadh an Earraich 2025

Leasan Gàidhlig mu sgudal, air a chur air dòigh aig an aon àm ris an Iomairt Glanadh an Earraich.

Gaelic lesson on litter and waste timed with our Spring Clean campaign.

Coimhead a-rithist (Watch again)
RSPB Birdwatch sa Ghàidhlig

Thig còmhla rinn airson leasan inntinneach sa Ghàidhlig a sheallas an obair a bhios an RSPB a’ dèanamh, agus mar a dh’aithnicheas sibh eòin gus an urrainn dhuibh pàirt a ghabhail ann am Big Birdwatch.

Join us for an exciting lesson in Gaelic exploring the work of the RSPB, and how to identify birds so you can take part in the Big Birdwatch.

Coimhead a-rithist (Watch again)

Keep updated

We support the