Sgoiltean-Èiceo
Sgoiltean-Èiceo
Fàilte do Sgoiltean-Èiceo ann an Alba
Am prògram airson na sgoile air fad a tha air a stiùireadh le sgoilearan
Dè th’ ann an Sgoiltean-Èiceo
‘S e Sgoiltean-Èiceo am prògram seasmhachd as motha san t-saoghal airson sgoiltean le 19.5 millean clann, daoine òga agus luchd-foghlaim an sàs ann an 74 dùthchannan eadar-dhealaichte.
Tha Sgoiltean-Èiceo aon de chòig prògraman a tha air an ruith gu h-eadar-nàiseanta leis a’ Bhunait airson Foghlam Àrainneachdail. Tha e air an lìbhrigeadh le Cùm Alba Bòidheach a tha stèidhichte ann an Alba.
Ma chuireas thu crìoch air Iarrtas Bratach Uaine tha e air aithneachadh le Duais na Brataich Uaine – sheallas seo cho dealasach sa tha an sgoil agaibh ann an ag Ionnsachadh airson Seasmhachd. ‘S e teisteanas a th’ ann a tha aithnichte gu h-eadar-nàiseanta airson sàr-mhathais ann am foghlam seasmhach.
Tha sinn taingeil airson an taic bho Riaghaltas na h-Alba gus an urrainn dhuinn Sgoiltean-Èiceo a lìbhrigeadh ann an Alba.
Tha fianais airson Sgoiltean-Èiceo a-nis air a chuir a-steach gu tur air-loidhne nar portal. Ma tha thu air d’ fhiosrachadh logaidh a-steach a chall cuir fios thugainn.
Dè th’ ann an Sgoiltean-Èiceo
Ro-ràdh dhan phrògram Sgoiltean-Èiceo againn airson sgoilearan agus luchd-foghlaim.
Gheibhear liosta-cluiche slàn de bhideothan stiùiridh mu Sgoiltean-Èiceo air an t-sianal YouTube againn.
Fàilte do Sgoiltean-Èiceo
Tha am Padlet againn a’ sealtainn geàrr-chunntas de na tha ri thighinn air na prògraman eadar-dhealaichte againn.
Gheibh thu a-mach mu leasanan beò, trèanadh do sgoilearan agus luchd-foghlaim, agus cothroman inntinneach eile a tha ri thighinn.
Faodaidh tu sùil a chumail air na tachartasan Sgoiltean-Èiceo a th’ againn leis a’ chlàr seo a sheallas na cinn-là airson gach leasan agus na seiseanan trèanaidh.
Seo an leth-bhreac den teamplaid airson an Comataidh-Èiceo agaibh a sgrìobhadh air.
Duais na Brataich Uaine
‘S e duais a tha seo a tha aithnichte gu h-eadar-nàiseanta airson sgoiltean agus sgoiltean-àraich a tha dealasach a thaobh Ionnsachadh airson Seasmhachd. Chithear brataichean ag itealaich taobh a-muigh ar sgoiltean air feadh Alba.
Gus Duais na Brataich Uaine fhaighinn, dèan trì cuspairean agus cuir crìoch air an Slatan-Tomhais Duaise a tha stèidhichte air na seachd eileamaidean.
Na Seachd Eileamaidean
Tha na Seachd Eileamaidean aig cridhe nan Sgoiltean-Èiceo anns gach dùthaich a tha an sàs ann.
Cuspairean
Airson Duais na Brataich Uaine fhaighinn, obraich air co-dhiù trì cuspairean. Feumaidh tu Gnìomh Gnàth-Shìde a thagh agus co-dhiù dhà eile.
Airson gach cuspair, feumaidh co-dhiù trì gnìomhan a bhith anns a h-uile tagradh agus co-dhiù aon togail sgudail no sgrùdadh.
Leis gur e prògram air a stiùireadh le sgoilearan a th’ ann an Sgoiltean- Èiceo, tha gach cuspair air a thaghadh leis a’ Chomataidh-Èiceo.
Amasan Leasachaidh Seasmhach
Gus ceanglaichean cruinneil a dhèanamh leis an t-saoghal air fad, tagh d’ amasan leasachaidh seasmhach.
Tro Sgoiltean-Èiceo na h-Alba, bu mhath leinn gun tig sibh còmhla ris a’ chòrr den t-saoghal ann a bhith ag obair air na 17 Amasan Leasachaidh Seasmhach a choileanadh ro 2030.
Keep Scotland Beautiful is a member organisation of the Foundation for Environmental Education (FEE) delivering Eco-Schools, LEAF and Young Reporters for the Environment programmes in Scotland.
Formed in 1981, FEE is a non-governmental, non-profit organisation promoting sustainable development through environmental education. FEE's mission is to engage and empower people through education in collaboration with members and partners worldwide.