Èiceo-sgoiltean
Èiceo-sgoiltean
Fàilte gu Èiceo-sgoiltean ann an Alba
Am prògram airson na sgoile air fad a tha air a stiùireadh le sgoilearan
Dè th’ ann an Èiceo-sgoiltean
‘S e Èiceo-sgoiltean am prògram seasmhachd as motha san t-saoghal airson sgoiltean le 19.5 millean clann, daoine òga agus luchd-foghlaim an sàs ann an 74 dùthchannan eadar-dhealaichte.
Tha Èiceo-sgoiltean aon de chòig prògraman a tha air an ruith gu h-eadar-nàiseanta leis am Foundation for Environmental Education. Tha e air an lìbhrigeadh le Keep Scotland Beautiful a tha stèidhichte ann an Alba.
Ma chuireas thu crìoch air iarrtas bratach uaine tha e air aithneachadh le Duais na Brataich uaine – sheallas seo cho dealasach sa tha an sgoil agaibh ann an ag ionnsachadh airson seasmhachd. ‘S e teisteanas a th’ ann a tha aithnichte gu h-eadar-nàiseanta airson sàr-mhathais ann am foghlam seasmhach.
Tha sinn taingeil airson an taic bho Riaghaltas na h-Alba gus an urrainn dhuinn Èiceo-sgoiltean a lìbhrigeadh anns na h-Alba.
Tha fianais airson Èiceo-sgoiltean a-nis air a chuir a-steach gu tur air-loidhne nar portal. Ma tha thu air d’ fhiosrachadh logaidh a-steach a chall cuir fios thugainn.
Dè th’ ann an Èiceo-sgoiltean
Ro-ràdh dhan phrògram Èiceo-sgoiltean againn airson sgoilearan agus luchd-foghlaim.
Gheibhear liosta-cluiche slàn de bhideothan stiùiridh mu Èiceo-sgoiltean air an t-sianal YouTube againn.

Tha am Padlet againn a’ sealtainn geàrr-chunntas de na tha ri thighinn air na prògraman eadar-dhealaichte againn.
Gheibh thu a-mach mu leasanan beò, trèanadh do sgoilearan agus luchd-foghlaim, agus cothroman inntinneach eile a tha ri thighinn.

Faodaidh tu sùil a chumail air na tachartasan Èiceo-sgoiltean a th’ againn leis a’ chlàr seo a sheallas na cinn-là airson gach leasan agus na seiseanan trèanaidh.
Seo an leth-bhreac den teamplaid airson an èiceo-comataidh agaibh a sgrìobhadh air.
Duais na Brataich Uaine
‘S e duais a tha seo a tha aithnichte gu h-eadar-nàiseanta airson sgoiltean agus sgoiltean-àraich a tha dealasach a thaobh Ionnsachadh airson Seasmhachd. Chithear brataichean ag itealaich taobh a-muigh ar sgoiltean air feadh na h-Alba.
Gus duais na brataich uaine fhaighinn, dèan trì cuspairean agus cuir crìoch air an slatan-tomhais duaise a tha stèidhichte air na seachd eileamaidean.

Na Seachd Eileamaidean
Tha na seachd eileamaidean aig cridhe nan Èiceo-sgoiltean anns gach dùthaich a tha an sàs ann.

Cuspairean
Airson duais na brataich uaine fhaighinn, obraich air co-dhiù trì cuspairean. Feumaidh tu gnìomh gnàth-shìde a thagh agus co-dhiù dhà eile.
Airson gach cuspair, feumaidh co-dhiù trì gnìomhan a bhith anns a h-uile tagradh agus co-dhiù aon togail sgudail no sgrùdadh.
Leis gur e prògram air a stiùireadh le sgoilearan a th’ ann an Èiceo-sgoiltean, tha gach cuspair air a thaghadh leis an Èiceo-comataidh.

Amasan Leasachaidh Seasmhach
Gus ceanglaichean cruinneil a dhèanamh leis an t-saoghal air fad, tagh d’ amasan leasachaidh seasmhach.
Tro Èiceo-sgoiltean na h-Alba, bu mhath leinn gun tig sibh còmhla ris a’ chòrr den t-saoghal ann a bhith ag obair air na 17 amasan leasachaidh seasmhach a choileanadh ro 2030.

Tha Keep Scotland Beautiful na bhall den bhuidheann leis an ainm Foundation for Environmental Education (FEE) a bhitheas a’ lìbhrigeadh phrògraman Èiceo-sgoiltean, LEAF agus Luchd-aithris Òga airson na h-Àrainneachd ann an Alba.
Stèidhich FEE ann an 1981, tha FEE na bhuidheann neo-riaghaltais, neo-phrothaid ag adhartachadh leasachadh seasmhach tro fhoghlam àrainneachd. Is e misneach FEE daoine a thoirt còmhla agus a bhrosnachadh tro fhoghlam ann an com-pàirteachas le ballrachdan agus com-pàirtichean air feadh an t-saoghail.