‘S e àite bòidheach is sìtheil a th’ ann an Eilean Leòdhais, agus tha an cànan Gàidhlig gu follaiseach na phàirt air leth cudromach dhen àite seo. Chaidh Jonathan, ar n-Oifigear Foghlam is Ionnsachaidh na Gàidhlig, dhan eilean aig toiseach an t-Samhain gus an ceangal eadar a’ Ghàidhlig agus ar n-àrainneachd a leasachadh airson sgoilearan. Sheall an turas seo ar dìlseachd aig Cùm Alba Bòidheach dha na sgìrean nas iomallaiche ann an Alba. Tha sinn airson gum bi iadsan cuideachd a’ faireachdainn mar phàirt làidir den bhuidheann againn, agus mar sin, chuir sinn Jonathan ann gu pearsanta.
‘S e na cruthan-tìre brèagha an rud a chunnaic mi an toiseach air mo thuras, bha iad gu tric ri fhaicinn tro na uinneagan de sgoiltean Gàidhlig far an robh sgoilearan a' bruidhinn Gàidhlig gu nàdarra. Bha seo na dheagh chuimhneachan air cuid de na h-adhbharan a tha gar brosnachadh gus Alba a chumail bòidheach: an dealas domhainn don chànan Gàidhlig, agus an leasachadh agus glèidheadh de àrainneachd na h-Alba.
Fhad ’s a bha mi air an turas, chunnaic mi na Clachan Chalanais – àite làn eachdraidh agus dìomhaireachd, choinnich mi ris na crodh Gàidhealach agus chleachd mi na crann-gaoithe mar eisimpleir airson cumhachd seasmhach.
Nuair a chaidh mi dha na sgoiltean, a’ chiad char san leasan, dh’fhaighnich mi: 'Dè th’ ann an atharrachadh na gnàth-shìde?' Bha freagairtean aig cuid, ach gu soilleir bha rùm ann airson leasachadh. Tha seo gu h-àraidh soilleir oir, mar a sheall am Buidheann Dìon Àrainneachd na h-Alba, tha ìre na mara timcheall na h-Eileanan an Iar a’ dol a dhol suas 0.55 meatairean ro 2080, agus mar sin, dh’fhaodadh an àireamh de thogalaichean-còmhnaidh a tha ann an cunnart bho thuiltean àrdachadh bho 40 gu 160, agus togalaichean neo-chòmhnaidh bho 90 gu 190. Tha seo a’ toirt an trioblaid nas fhaisge air sinne mar dhaoine aig a bheil dachaighean, agus tha e a’ sealltainn cho cudromach sa tha an obair agamsa airson an teachdaireachd a chur a-mach gu follaiseach.
Gus deasachadh airson an turas agam, chruthaich mi bùthan-obrach tarraingeach agus in-ghabhalach a bha freagarrach airson a h-uile ìre sa bhun-sgoil. Fhad ‘s a bha na sgoilearan anns na bùthan-obrach, chruthaich iad tùir àrainneachd, rinn iad co-fharpais àrainneachdail agus dh’fhàs iad nas blàithe le bhith a’ cur air aodach, dìreach mar a tha ar t-saoghal a’ fàs nas blàithe le barrachd ghasaichean taigh-ghlainne san àile. Chaidh na gnìomhan seo a chruthachadh gus aire a ghlacadh agus gus tòiseachadh air na deasbadan mu ar n-àrainneachd.
A’ togail air na gnìomhan seo, bheir mi seachad taic le bhith a’ brosnachadh na sgoilearan gus smaoineachadh mu dheidhinn ciamar a dh’fhaodadh iad an sgoil aca a dhèanamh nas càirdeile don àrainneachd. An uair sin, dh’obraich iad ri chèile gus plana gnìomh a lìonadh a bha freagarrach airson suidheachadh na sgoile. Chuidich a’ phròiseas seo le bhith a’ leudachadh an t-eòlais aca air atharrachadh na gnàth-shìde agus chuir e comas orra ceumannan cudromach a ghabhail gus an sgoil aca a dhèanamh na àite nas uaine.
“Chòrd an seisean gu mòr ris na sgoilearan, agus tha iad deònach gluasad air adhart leis na planaichean gnìomh aca tron Chomataidh-Èiceo.” - Eileen Mackenzie, Sgoil Bhreascleit
Bha na sgoilearan gu math deònach pàirt a ghabhail san leasan. Chòrd e riutha gun tàinig duine à Cùm Alba Bòidheach an astar gus a bhith a’ teagasg anns a’ Ghàidhlig – an cànan aig cuid de na sinnsearan aca. Chuir an ceangal seo doimhneachd ris an ionnsachadh agus taic ris an t-suidheachadh ionnsachaidh le bhith a’ sealltainn cho cudromach sa tha an dualchas agus an àrainneachd a tha timcheall orra.
Airson crìoch a chur air na bùthan-obrach, dh’fhaighnich mi: ‘Dè tha sibhse a’ smaoineachadh a tha atharrachadh na gnàth-shìde a’ ciallachadh a-nis?’ Chuir tòrr sgoilearan na làmhan aca suas agus bhruidhinn iad mu na tha atharrachadh na gnàth-shìde a’ ciallachadh, na rudan a tha ag adhbharachadh atharrachadh na gnàth-shìde, agus ciamar as urrainn do dhaoine dèiligeadh ris. Bha an t-urram agus an tuigse aca brosnachail, a’ comharrachadh crìoch soirbheachail air na seiseanan.
“Chòrd an seisean rinn gu mòr, dh'ionnsaich na sgoilearan tòrr mu dheidhinn atharrachadh gnàth-shìde agus blàthachadh na cruinne.” - Katy Graham, Sgoil nan Loch
Airson co-dhùnadh a dhèanamh, thug an turas dha na h-Eileanan Siar sealladh air leth dhomh de chuid de na luachan a tha a’ mìneachadh gu bheil Alba cho bòidheach: na daoine a chuireas fàilte bhlàth oirbh, a’ Ghàidhlig a tha na phàirt mhòr den dualchas na dùthcha, agus na seallaidhean àlainn a chì thu mun chuairt ar dùthaich bòidheach. Mholainn-sa na h-Eileanan Siar ri duine sam bith agus tha mi glè thaingeil gun d’ fhuair mi an cothrom teagasg agus siubhal timcheall.